An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "N'Djamena"

Jump to navigation Jump to search
Chaidh 176 baidht a chur ris ,  9 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
b (r2.5.2) (Robot: Modifying sk:N’Djamena)
}}
 
'S e [[prìomh-bhaile]] na [[an t-Siad|Siad]] a tha ann an '''N'Djamena''', [[Arabais]]: '''Niǧāmīnā'''. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 721,000 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha N’Djamena 955km air falbh bho [[Bangui]] ([[Poblachd Meadhan Afraga]]), 996km bho [[Yaoundé]] ([[Camarun]]), 888km bho [[Abuja]] ([[Nìgeiria]]), 1,926km bho [[Khartoum]] ([[Sudan]]), 2,318km bho [[Tripoli]] ([[Libia]]) agus 1,411km bho [[Niamey]] ([[Niger]]).<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha e suidhichte air bruach an Abhainn ''Chari'', air an àirde an iar na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 280m os cionn ìre na [[Muir|mara]] agus tha port aige.<ref>[http://population.mongabay.com/population/chad/2427123/n'djamena Mongabay]</ref> Tha am baile ceangailte le [[drochaid]] thairis air an abhainn le [[Kousséri]] ann an [[Camarun]]. 'S e seo an [[Co-chomharran an Domhain|Co-chomharran]] aige: 12° 6' 47" Tuath agus 15° 2' 57" Ear
 
Air an 29mh latha den Chèitean [[1900]] chaidh N'Djamena a’ stèidheachadh mar '''Fort-Lamy''' leis an ceannard Émile Gentil às [[an Fhraing]]. Thàinig an t-ainm bho ''Amédée-François Lamy'', oifigear frangach a chaidh a mharbhadh anns an ''Battle of Kousséri'' dìreach laithean roimhe sin.
35,754

deasachadh

Clàr-taice na seòladaireachd