Ros Maircnidh
Ros Maircnidh | |
Ros Maircnidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 35′ 29.83″ T 4° 6′ 54.58″ I |
Comharradh-clèithe | NH736577 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV10 8 |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Ros Maircnidh[1][2] no Ros Mhaircnidh [3] (Beurla: Rosemarkie). Tha am baile suidhichte air Linne Mhoireibh. Chithear Dùn Deòrsa bhon an seo. Tha e mu mhìle air àird an ear na Cananaiche agus mu 12 mìltean air àird an ear-thuath Inbhir Nis. Tha e anns an t-siorrachd traidiseanta Siorrachd Rois.
Ann an 2020 bha 640 duine a' fuireach an seo.[4]
Còmhla ris a' Chananaich tha raon-goilf aige.
'S e aon de na àitichean as ainmeil airson chlachan Chruithnis às an 8mh no 9mh linn. Chaidh an lorg air agus faisg air cladh na h-eaglaise agus tha iad rim faicinn ann an taigh-tasgaidh Groam House. Canar gun robh manachainn ann an Ros Maircnidh a bha ceangailte le Naomh Moluag (bàs: 592) no le Boniface (ainm eile: Naomh Curetán). Anns an Martyrology of O'Gorman tha Boniface ainmichte mar: "bishop and abbot of Ross maic Bairend".[5]
Tha meadhan a' bhaile, eadar Bridge Street, Mill Road agus Hawkhill Road na raoin-ghlèidhteachais[6].
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Ros Maircnidh/ Rosemarkie”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 101, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
- ↑ William J. Watson, The Celtic Place-Names of Scotland, (Dùn Eideann, 1926); ath-foillsichte le Simon Taylor (Dùn Eideann, 2004), duilleag 315
- ↑ “Rosemarkie” (Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean | Abhach • Am Blàr Dubh • A' Chananaich • A' Mhanachainn • An Todhar • Cromba • Drochaid Sguideil • Poll Lochaidh • Ros Maircnidh |
Uisgeachan | Abhainn nam Manach • Abhainn Chonainn • Linne Chrombaidh • Linne Mhoireibh • Linne Fharair |
Àitichean sònraichte | Eaglais Chille Mhìcheil • Camas Uadail • Tarbhdail • Rubha na Cananaich |