Ramses Shaffy
Ramses Shaffy | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Neuilly-sur-Seine, 29 dhen Lùnastal 1933 |
Dùthaich |
Rìoghachd nan Tìrean Ìsle An Fhraing |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Amsterdam, 1 dhen Dùbhlachd 2009 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse an t-slugain) |
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair, cluicheadair piàna, actair àrd-ùrlair, actair film, actair, actair telebhisein, ceòl-sgrìobhaiche, lyricist (en) agus recording artist (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Gnè ealain | chanson (en) |
Inneal-ciùil |
piàno guth |
Taigh-clàraidh |
PolyGram (mul) Philips Records (mul) |
IMDb | nm0787350 |
shaffy.nl |
B' e actair agus seinneadair ainmeil às na Tìrean Ìsle a bh' ann an Ramses Shaffy[1] (Arabais: رمسيس شافى, Neuilly-sur-Seine, 29 an Lùnasdal 1933 - Amsterdam, 1 an Dùbhlachd 2009).[2] Bhuinneadh Shaffy do theaghlach àrdanach eadar-nàiseanta leis gur e riochdaire-dioplòmasach às an Èipheit a bh' ann athair agus bana-iarla le freumhan san Ruis agus sa Phòlainn a bh' ann a mhàthair.[3] Dh'fhàs a mhàthair tinn leis a' Chaitheimh nuair a bha Shaffy sia bliadhna a dh'aois is b' fheudar dha a dhol gu Utrecht gu taigh piuthar a mhàthar. Gu dòrainneach, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle agus aig a cheann thall chuireadh e fo chùram na Stàite ann an Leiden. Chaidh e gu Sgoil Ciùil ann an 1952 agus ann an 1962 chuir e buidheann dràma air dòigh, air an robh Shaffy Chantante (Gàidhlig: Shaffy a' seinn). Bha e uabhasach soirbheachail fad na 60an agus na 70an san dùthaich aige fhèin, ach bha trioblaid le deoch làidir na lùib an ceann thall. Cha do dh'aidich e a-riamh gur e co-shèorsach a bh' ann.[4] Chaochail e ann an 2009 le aillse an t-slughain. 'S e Zing, Vecht, Huil, Bid, Lach, Werk En Bewonder[5] (Gàidhlig: Seinn, Sabaid, Dèan gàire, Gul, Dèan ùrnaigh, Obair agus Saoil) bho 1970 a bh' ann an t-òran a bu shoirbheachaile a bh' aige a-riamh.