Ostrava
Ostrava
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Ostrava-město | ||||
Sgìre | Moravskoslezský kraj | ||||
Co-chomharran | 49° 50 08' Tuath 18° 17 33' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 230.19 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 294,200 (2017) | ||||
Dlùths | 1,278.07/km² | ||||
Àireamh fòn | + 599 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ostrava.cz |
'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: obec) air an àirde an ear Poblachd nan Seiceach a th' ann an Ostrava (IPA: oˈstrava, Gearmailtis: Mährisch Ostrau, Pòlais: Ostrawa). Tha Ostrava suidhichte air na crìochain leis A' Phòlainn, eadar Katowice agus Olomouc san roinn (Seacais: kraj) Moravskoslezský, aig comar nan Aibhneachan Oder (Seacais Odra) Ostrawitza (Seacais Ostravice), Lučina, agus Opava, aig 260m os cionn ìre na mara. Tha 294,200 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an treas baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1229 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. 'S ann às an abhainn Ostrawitza a tha ainm a' bhaile. Dh'fhàs Ostrava gu math beairteach anns na meadhanan aoisean air sàilleabh gu robh e suidhichte air slighe mhalairt eadar An Ruis agus An Eadailt air an robh Slighe an òmair (Seacais: Jantarová stezka).[2] Bha am baile fo bhuaidh feachdan na Suaine ann an Cogadh nan 30 Bliadhna, bho 1621 – 1645, a chuir às do mhalairt. 'S ann ann an sgìre 's a tha loma-làn ghual 's a th Ostrava agus le sin thoisich Tionndadh Gnìomhachais an seo fad an 19mh Linn ach thàinig mèinneadh guail gu crìoch ann an 1994.[3] Rinn tuiltean droch sgrios air a' bhaile ann an 1997 agus 2009[4].
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Hanna O'Donell (1874 - 1936)
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Abomey
- Coventry
- Donetsk
- Dresden
- Gaziantep
- Katowice
- Košice
- Miskolc
- Piraeus
- Pittsburgh (Pennsylvania)
- Oral
- Suzhou
- Split
- Shreveport (Louisiana)
- Volgagrad