Jump to content

Nizhyn

O Uicipeid
Nizhyn
Ні́жин
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Chernihivska Oblast
Sgìre Nizhinskiy Raion
Co-chomharran 51° 03 00' Tuath
31° 53 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 43.2 km²
Àireamh-shluaigh 66,983 (2021)
Dlùths 1,550.53/km²
Àireamh fòn + 380 231
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhanach faisg air Kyiv agus Chernihiv san Ucràin a th' ann an Nizhyn (Ucràinis: Ні́жин, Pòlais: Nieżyn, IPA: ˈn⁽ʲ⁾iʒɪn). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Oster, san roinn Chernihivska Oblast. Tha 66,983 duine a' fuireach ann.

Chaidh an sgìre far a bheil Nizhyn a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1147 ach cha deach am baile fhèin a stèidheachadh ach ann an 1625.[1] B' ann fon Cho-fhlaitheas 's a bha seo. Dh' fhosgladh àrd-sgoil cliùiteach ann an Nizhyn ann an 1820 - air an robh Bezborodko - far an d' fhuair Nikolai Gogol a chuid foghlaim. Ann an 1897 bha 7,361 Iùdhaich a' fuireach ann an Nizhyn, 245% de na daoine air fad. Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943 agus mharbh iad gach uile Iùdhach a bhuinneadh dhan bhaile.[2] Ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, sgaoil feachdan Ruiseanach mèinnean-talmhainn air feadh na sgìre.[3]

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Nizhyn a' bruidhinn (89.54%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (8.89%).[4] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Nizhyn tron 19mh Linn, agus b' e baile mòr fiù's san 17mh Linn a bh' ann, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[5] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Nizhyn air thuiteam fad na 21mh Linn.

Àireamh-sluaigh
1654178218331840189719261939195919701979198920012017
11 600 11 104 13 229 18 312 32 113 37 345 39 348 46 211 56 320 69 533 80 533 76 625 71 078

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Нежин, Украинская Советская Энциклопедия. том 7. Киев, «Украинская Советская энциклопедия», 1982.
  2. Yad Vashem
  3. France 24
  4. Ukcensus
  5. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
  6. IMDB

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]