Chernihivska Oblast
Coltas
Chernihivska Oblast Черні́гівська о́бласть
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Prìomh-bhaile | ![]() | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 31,865 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 976,701 (2021) | ||||
Dlùths | 30.65/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 46 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Chernihivska Oblast (Ucràinis: Черні́гівська о́бласть, ainm neo-fhoirmeil: Chernihivshchyna). 'S e Chernihiv fhèin's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, faisg air na crìochan leis An Ruis agus A' Bhealaruis.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuinneadh pàirt mhòr talamh na h-Oblast dhan Hetmanshchyna (stàit Chosagach, Ucràinis: Гетьманщина) bho 1649 gu ruige 1764.[2] Chaidh an Oblast fhèin a chruthachadh ann an 1932 Rinn an Holodomor - Gort na h-Ucràine - droch sgrios air an sgìre seo agus chaochail 254,200 leis an acras.[3] Bhòt 93.74% nan daoine an seo airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Yuri Lysianskyi (1773 - 1837): Seòladair agus taisgealaiche.
- Angelica Balabanoff (1878 - 1965): Neach-poileataigs.
- Volodymyr Antonov-Ovseenko (1883 - 1938): Rèabhlaideach agus riochdaire dioplòmasach.[5]
- Olha Kholkova (1891 - 1955): Dannsair.
- Anatoly Rybakov (1911 - 1998). Sgrìobhadair.
- Leonid Kuchma (1938): Neach-poileataigs.
- Kateryna Pavlenko (1988). Seinneadair.[6]
Bailtean ann an Chernihivska Oblast
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ukrexport
- ↑ Українська козацька держава
- ↑ Harvard
- ↑ Soviet History
- ↑ Жертвы политического террора в СССР
- ↑ IMDB