Mullach Fraoch-choire
Coltas
Mullach Fraoch-choire | |
---|---|
Mullach Fraoch-choire bhon iar-dheas. | |
Àirde (m) | 1,102 |
Àirde (tr) | 3,615 |
Àirde rinneach (m) | 153 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Afraig |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH094171 |
’S e beinn ann an Gleann Afraig air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Mullach Fraoch-choire. Tha i 1,102m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig.
Mar as trice bithear ga streap bho Chluanaidh gu dìreach agus ga cheangal leis a' Chràileag. Dh'fhaodadh tilleadh tron Chaorann Mhòr, gleann a tha a' ceangal Gleann Afraig agus Gleann Seile.[1]. Bidh cuid ga dhìreadh bho Ghleann Afraig.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Sgùrr nan Conbhairean, Càrn Ghluasaid agus Sàil Chaorainn, beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Gleann Afraig.