Miles Briggs
Coltas
| Miles Briggs | |||||
|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: Lodainn Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: Lodainn Taghadh: Taghadh Albannach 2021 | |||||
| Beatha | |||||
| Breith |
Preston (mul) | ||||
| Dùthaich |
| ||||
| Foghlam | |||||
| Foghlam | Oilthigh Robert Gordon | ||||
| Cànain | Beurla | ||||
| Dreuchd | |||||
| Dreuchd | neach-poileataigs | ||||
| Creideamh | |||||
| Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | ||||
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann am Miles Briggs BPA.
Rugadh e ann an 1983 agus thogadh e ann an Siorrachd Pheairt. Bha e na sgoilear aig a' bhun-sgoil ann am Bankfoot, aig Perth Grammar, agus dh'ionnsaich e manaidsearachd agus poileataigs aig Oilthigh Robert Gordon. Dh'obair e airson mòr-roinne Eilean Eòin agus mar chomhairleach do Nanette Milne agus Ealasaid Nic a' Ghobhainn mus deach e a thaghadh mar bhall-liosta airson Lodainn ann an 2016. Tha e na bhall Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba.[1] Ann an 2020 chuir Jackson Carlaw ann an dreuchd mar neach-labhairt airson slàinte e.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ Woods, Emily: “Jackson Carlaw removes rival Michelle Ballantyne from shadow cabinet”, Holyrood. 18mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 13mh dhen Chèitean 2020.
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Lodainn

