Colin Beattie

O Uicipeid
Colin Beattie
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Beatha
Breith Baile Fharfair, 17 dhen Dàmhair 1951
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus bancair
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Colin Beattie BPA.

Rugadh e ann an 1951 is bha e na sgoilear ann am Farfar. Dh'obrach e mar bhancair agus bha e na chomhairliche aig Comhairle Lodainn Mheadhanaich mus do thaghadh e mar BhPA airson Lodainn Mheadhanach a Tuath agus Baile nam Feusgan ann an 2011. Tha e na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[1]

Dh'fhrithealaich e mar ionmhasair a' Phàrtaidh airson 16 bliadhna mus do chaill e taghadh an aghaidh Douglas Chapman ann an 2020 is thill e dhan dreuchd nuair a leig Chapman suas e.[2] Chaidh a chur an grèim aig Poileas Alba anns a' Ghiblean 2023 is iad a' rannsachadh cunntasan a' Phàrtaidh.[3] Leig e suas an dreuchd seo agus àite ann an comataidh modh-sgrùdaidh a' Phàrlamaid an dèidh sin.[4]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Colin Beattie”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2023.
  2. SNP meltdown claims after treasurer Colin Beattie's arrest”, BBC News. 18mh dhen Ghiblean 2023. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2023. 
  3. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Ghiblean 2023. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2023. 
  4. Colin Beattie resigns as SNP treasurer after arrest”. 19mh dhen Ghiblean 2023. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023.