Jump to content

Meall Buidhe, Cnòideart

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°01′54″N 5°32′47″W / 57.031553°N 5.546318°W / 57.031553; -5.546318

Meall Buidhe, Cnòideart

Àirde (m) 946
Àirde (tr) 3,080
Àirde rinneach (m) 496
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Meall Buidhe, Cnòideart is located in Alba
Meall Buidhe, Cnòideart
Meall Buidhe, Cnòideart (Alba)
Suidheachadh Cnòideart
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 398E 413S
Comharradh-clèithe NM849989

’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Meall Buidhe. Tha e 946m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar Loch Shubhairne, Loch Nibheis agus Linne Shlèite ri taobh Luinne Bheinn. 'S e an dòigh as cumanta a bhith ga shreap bho Inbhir Aoidhe agus Gleann an Dubh-Lochain. Bidh cuid ga shreap air aon latha còmhla ri Luinne Bheinn. [1]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Linne Shlèite agus an Eilean Sgitheanach, Rùm agus Eige agus beannan Chnòideirt.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Meall Buidhe air Walk Highlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: