Jump to content

Sagsainn Ìosail

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Lower Saxony)
Sagsainn Iosail
federated state of Germany
Cur air cois1 dhen t-Samhain 1946 Deasaich
Ainm dùthchasachNiedersachsen Deasaich
Participant in2009 German presidential election Deasaich
Archives atLower Saxony State Archive Deasaich
Ainmichte às dèidhSaxons Deasaich
MottoNiedersachsen. Klar. Deasaich
DùthaichA' Ghearmailt Deasaich
Prìomh-bhaileHànobhar Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailA' Ghearmailt Deasaich
Roinn-tìdeUTC+01:00, UTC+02:00 Deasaich
Faisg air an uisgeAn Cuan a Tuath, German Bight Deasaich
Domhan-leud is -fhad52°45′22″N 9°23′35″E Deasaich
Coordinates of easternmost point53°2′4″N 11°35′53″E Deasaich
Coordinates of northernmost point53°53′32″N 8°40′44″E Deasaich
Coordinates of southernmost point51°17′36″N 9°43′57″E Deasaich
Coordinates of westernmost point53°35′31″N 6°38′19″E Deasaich
Puing as àirdeWurmberg Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisMinister-President of Lower Saxony Deasaich
Ceannard an riaghaltaisStephan Weil Deasaich
Legislative bodyLandtag of Lower Saxony Deasaich
Highest judicial authorityConstitutional Court of Lower Saxony Deasaich
Ball deCommon Library Network, IT Planning Council Deasaich
Baile-céileTokushima Prefecture Deasaich
Na bh’ann roimhesubstate of Hanover, State of Brunswick, Free State of Oldenburg, Free State of Schaumburg-Lippe Deasaich
Language usedSaterland Frisian, East Frisian Low Saxon, Low German, Standard High German Deasaich
Duais a fhuair eBigBrotherAwards Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.niedersachsen.de/ Deasaich
HashtagLowerSaxony, Niedersachsen Deasaich
Bratachflag of Lower Saxony Deasaich
Gearradh-armcoat of arms of Lower Saxony Deasaich
Economy of topiceconomy of Lower Saxony Deasaich
Roinn-seòrsa an deilbhCategory:Views of Lower Saxony Deasaich
Category for maps or plansCategory:Maps of Lower Saxony Deasaich
Map

Is e Sagsainn Ìosail (neo Niedersachsen anns a' Ghearmailtis agus Lower Saxony sa Bheurla) an stàit as motha ach aon anns a' Ghearmailt. Tha Hànobhar (Hannover anns a’ Ghearmailtis) anns an ear-dheas na phrìomh-bhaile.

Suidheachadh Sachsen Ìosail

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Sagsainn Ìosail ann an ceann a tuath na Gearmailt. Tha Cuan a Tuath (A' Mhuir a Tuath) agus Schleswig-Holstein air tuath Sagsainn Ìosail. Tha an Òlaind an iar air Sagsainn Ìosail, agus Mecklenburg-Vorpommern, Brandenburg agus Sagsainn-Anhalt an ear air Sagsainn Ìosail. Anns a' dheas tha Nordrhein-Westfalen, Hessen agus Thüringen.

Na bailtean mòra

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e Hànobhar le 516.000 luchd-àiteachaidh am baile as motha ann an Sagsainn Ìosail. Anns an dàrna àite tha Braunschweig (luchd-àiteachaidh: 245.220) anns an ear-dheas Sagsainn Ìosail. Anns an treas àite is e Osnabrück (165.000) anns an deas, baile cudthromach le oilthigh, agus is e àite-suidhe an easbaig Caitligich. Tha Oldenburg (158.500) ann am meadhan Sagsainn Ìosail, agus tha Göttingen (129.000) le oilthigh cliùiteach deas air Hànobhar. Tha Wilhelmhaven (83.500) le port-mara domhainn do bhàtaichean bathair agus Emden (51.700) agus Cuxhaven (52.000) le port-iasgaich anns an Tuath Sagsainn Ìosail aig Cuan a Tuath. Is e Celle (71.300) agus Lüneburg (71.900) an geata don Lüneburger Heide. Dh’fhàs Hameln (58.900) ainmeil leis an sgeulachd Der Rattenfänger von Hameln (Pìobaire nan radan ann an Hameln) leis na bràithrean Grimm.

Bailtean Eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an cuid as motha na dùthcha rèidh, ach anns an ear-dheas tha beanntan ann ris an canar Harz agus Solling. Is e an Wurmberg (971 m NN), am Bruchberg (927 m NN) agus an t-Achtermann (925 m NN) na beanntan as àirde anns an Harz agus ann an Sagsainn Ìosail.

Is e Große Blöße (528 m NN) an t-ainm air a’ bheinn as àirde anns an Solling.

Aibhnichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Weser: 358 km
  • Leine: 247 km
  • Ems: 241 km
  • Elbe: 238 km
  • Aller: 205 km

Cladh-aibhnichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Mittellandkanal: 195 km
  • Dortmund-Ems-Kanal: 147 km
  • Elbe-Seiten-Kanal: 115 km
  • Steinhuder Meer: 29 km2; doimhne: 1,5 m
  • Dümmer: 13 km2; doimhne: 1,2 m
  • Zwischenahner Meer: 5,5 km2; doimhne: 3,3 m

Eaconomaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

O chionn 's gu bheil an cuid as motha na dùthcha gu math rèidh, tha àiteachas cudthromach ann an Sagsainn Iosail. Tha beagan iasgaich a’ dol ann ann an Cuxhaven. Tha roinn na turasachd làidir ann an Sagsainn Ìosail, gu h-àraid anns an tuath agus anns na h-eileanan. Ann an roinn na dèanadachd tha gnìomhachas bhàtaichean agus chàraichean cudthromach. Tha roinn togail bhàtaichean ann am Papenburg, Emden agus Wilhelmshaven. Tha am Meyer Werft ann am Papenburg a’ togail nam bàtaichean-cuairt-mara as motha air feadh an t-saoghail. Ann an Wolfsburg tha mòran chosnaidhean anns an fhactaraidh Volkswagen. Agus tha trì àitichean ann an Sagsainn Ìosail, far a bheil factaraidhean Airbus. Tha Hànobhar uabhasach trang, ma bhitheas an CeBIT ann, fèill chudthromach anns an t-saoghal –choimpiutaireachd.

Aig àm Iulius Caesar bha an cuid as motha na Roinn-Eòrpa fo smachd nan Ròmanach. Anns a’ bhliadhna 9 as dèidh Chrìosda dh’fheuch na Ròmanaich na Gearmailtich ann an ceann a tuath na dùthcha a chuir fo smachd a-rithist. Anns a’ bhlàr Kalkriese faisg air Osnabrück chaill na Ròmanaich a-rithist. Cha b’ urrainn do dh’Ìompaire sam bith eile a’ Ghearmailt a chur fo smachd gus an tàinig Tearlach Mòr (742-814) 800 bliadhna an-dèidh sin. An-dèidh cogadh nan 30 bliadhna (1618-1648) bhris an dùthaich às a chèile, cha robh dad air fhàgail ach sgìrean beaga gun cumhachd. B’ urrainn do na Kurfürsten Hànobhair pìosan a chuir ri chèile a-rithist ann a bhith a’ pòsadh agus mar dhìleab agus dh’fhàs iad na bu treasa a-rithist, gus an robh Sèoras Ludwig (1660-1727) na rìgh ann am Breatainn Mhòr (1714-1727) bho thaobh a mhàthar. Mhair am aonadh pearsanta aonadh eadar Breatainn agus Hànobhar gu ruige 1837. Bha rìoghachd Hànobhair ann bho 1814-1866, ach ann an 1866 ann an cogadh eadar Pruisia agus an Ostair chaidh a ghabhail le Pruisia. Aig an aon àm bha trì sgìrean eile ann (Braunschweig, Oldenburg und Schaumburg–Lippe), ach bha iad na bu ghlice. Ghabh iad san Deutsches Reich mar stàitean neo-eisimeileach ann an 1871. An-dèidh an dàrna cogadh chaidh Hànobhar, Braunschweig, Oldenburg agus Schaumburg–Lippe a chur ri chèile agus chaidh Sagsainn Ìosail a stèidheachadh ann an 1946.

Daoine cudthromach

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Robert Koch à Clausthal faisg air Hànobhar iomraiteach ann an rannsachadh air bitheagan ghabhaltach, gu h-àraid a thaobh lorg na caitheimh. Ann an 1905 fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis.

Cànanan beaga, dual-chainntean

[deasaich | deasaich an tùs]

Ma bhruidhnear mu chànanan beaga, bithear a’ smaoineachadh gur e Frìsis an Ear (Ostfriesisch anns a’ Ghearmailtis) an cànan a tha aig na daoine ann an taobh tuath a’ Ghearmailt. Ach chan eil sin fìor. Thàinig Friosais-an-Ear bho Anglo-Friosais agus tha e ceangailte ris a' Bheurla Ghallda. Ann an Sagsainn Ìosail chan eil dad air fhàgail ach sgìre bheag faisg air Cloppenburg, far a bheil Saterfriesisch air a bruidhinn le 2000 daoine. Ann an taobh tuath a’ Ghearmailt bruidhnear Ostfriesisches Platt (Friosais-an-Ear ⁊ Sagsais Ìosail). Thàinig an cànan seo à Niedersächsisches Platt (Northern Low Saxon) agus tha e ceangailte ri Duitsis agus Friosais). Ged a bhàsaich Niedersächsisches Platt seach ann an sgìrean iomallach, tha an Ostfriesisches Platt gu math làidir fhathast an ann taobh tuath a’ Ghearmailt. Bidh 50% de na daoine a’ cleachdadh Ostfriesisches Platt gach latha, gu h-àraid air an dùthaich. Tha iad a’ sealltainn gu bheil iad eadar-dhealaichte agus sònraichte. Ged a tha tòrr dual-chainntean ann ann an Ostfriesisches Platt, tha faclair oifigeil ann, tha rèidio ann, pàipearan-naidheachd cuideachd. Is urrainnear an cànan a’ cleachdadh anns na seirbhisean. O chionn goirid chìthear sanasan-rathaid dà-chànanach, agus tha tòrr ainmean-àite ann an Ostfriesisches Platt co-dhiù, m.e.: Rechtsupweg ( Slighe air do làimh deas 'sa Ghàidhlig) Tha Friesisch, Saterfriesisch agus Ostfriesisches Platt air an dìon le European Charter for Minority Languages.

Seo eisimpleir le Ostfriesisches Platt, Àrd-Ghearmailtis oifigeil agus Gàidhlig:

Ostfriesisches Platt

Ard-Ghearmailtis oifigeil

Gàidhlig
Moin!

Guten Tag! (Guten Morgen!/ Guten Abend!)

Latha math (Madainn mhath, Feasgar math)
Lang ni (näit) säin! Wo gajt ’t?

Lange nicht gesehen! Wie geht es dir?

Chan fhaca mi thu airson greis. Ciamar a tha thu?
Allerbäest! Un wo is ´t mit di?

Sehr gut! Und wie geht es dir?

Glè mhath. Agus ciamar a tha thu fhèin?
t geiht. Ik heb mi 'n Verkolleree anhaalt.

Es geht so. Ich habe mich erkältet.

Chan eil dona. Tha an cnatan orm.
Wat is d´r vandaagh 'n Volk bi d´ Pad!

Heute ist hier ja sehr viel los.

Tha mòran a’ dol an-seo.
Willent wi äin Blok (Kop / Tas) Koffje mitnanner drinken?

Wollen wir zusammen einen Kaffee trinken?

An tèidh sinn a dh’ òl cupa cofaidh còmhla?
Jaa, dat laat uns man doon!

Ja, das machen wir!

Thèidh, nì sinn sin.

Biadh agus deoch

[deasaich | deasaich an tùs]

Dòighean traidiseanta

[deasaich | deasaich an tùs]
Boßeln
  • Grünkohlessen (Biadh càl-greannach)

Mar as àbhaist bidh an càl-greannach a’ buain an-dèidh a’ chiad reòthadh 'san gheamhradh. An toiseach bidh na daoine a' coiseachd air na sràidean bheaga do thaigh-seinnse a’ bhaile. Air an t-sràid cluichidh iad Boßeln, gèam sònraichte coltach ri Roadbowling. Bidh iad a’ toirt troilidh le leann agus Schnaps neo Korn (deoch làidir) còmhla riutha, agus ma bhios crois an rathaid ann neo tachartasan sònraichte anns a’ ghèam, feumaidh a h-uile duine òl. Mar as trice bidh na daoine air an deagh shunnd, mus ruig iad an taigh-seinnse. An uair sin ithidh iad Grünkohlessen: Sin càl-greannach le buntàta agus Pinkel (isbean le spìosrach às an àite fhèin) agus hama agus muicfheoil bruichte. Ma bhitheas iad deiseil, bidh ceòl agus dannsa ann agus bidh iad a’ taghadh Rìgh-Càil.

Biadh càl-greannach

Tha cupa tì uabhasach cudthromach ann an Ostfriesland anns an Tuath Sagsainn Ìosail. Tha seann lagh ann ris an canar Reachd nam Friseach. Tha e math an aghaidh eucairdeis. Seo e: Chan fhaodadh tu duine a thilg a-mach às do thaigh, mura òladh tu trì cupannan tì le Kandis (siùcar cruaidh) agus uachdar còmhla ris.

Friesengeist/Moorgeist

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e taibhse a’ mhonadh an t-ainm a tha air Kornbrand le lusan, deoch làidir eile. Bithear ga losgadh airson mionaid, mus òlar e.

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]