Teàrlach Mòr

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Tearlach Mòr)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Teàrlach Mòr
Albrecht Dürer - Emperor Charlemagne.jpg
diùc Bhavaria


rìgh nam Francach

9 dhen Dàmhair 768 - 28 dhen Fhaoilleach 814
Pepin the Short, Carloman I - Louis the Pious
Beatha
Breith unknown agus Francia, 2 dhen Ghiblean 748
Dùthaich East Francia
Bàs Aachen, 28 dhen Fhaoilleach 814
Àite-adhlacaidh Aachener Dom
Teaghlach
Athair Pepin the Short
Màthair Bertrada of Laon
Cèile Desiderata of the Lombards  (770 -  771)
Hildegard of Vinzgouw  (771 -  783)
Fastrada  (783 -
Luitgard  (794 -
Càraid Regina
Himiltrude
Madelgard
Gersuinda
Ethelind
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine an rìgh-shliochd Carolingach
Dreuchd
Dreuchd monarc agus neach-poileataigs
Creideamh
Creideamh Crìosdaidheachd
Karldergrossesignatur.svg

Teàrlach Mòr b. 742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814 - (No Charlemagne san Fhraingis, Karl der Große sa Ghearmailtis, Karel de Grote san Duitsis agus Carolus Magnus sa Laidinn) Rìgh nan seann Ghearmailteach ris an canar na 'Fraingich' agus an duine a stèidhich Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.

A bheatha[deasaich | deasaich an tùs]

B' e am mac as sine aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Goirid '). Nuair a bhàsaich Pippin, chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Teàrlach agus a bhràthair Carloman. Bhàsaich Carloman air an còigeamh latha den Dàmhair 771, mar sin a' fàgail Teàrlach Mòr mar cheannard na rìoghachd Fraingich aonaichte. Bha Teàrlach Mòr a' cogadh airson a' mhòr-chuid de bhliadhnaichean a rìoghachd - leis a' chlaidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na làimh. An dèidh trithead bliadhna de chogadh agus ochd blàran deug, cheannsaich e na Sagsonaidh - amas a bh' aig Ìmpire Augustus den Ìmpireachd Ròmanach ach nach robh na chumhachd a dhèanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgìre, dh'iompaich e na daoine chun a' chreideimh Chrìosdaidh. Stèidhich e Magdeburg ann an 805 agus ionad riaghlaidh ann an Worms cuideachd.

An ceann na 8mh linne thagh rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an rath a b' fheàrr aige. Thog e cill, "Pfalzkapelle", a tha na pàirt den àrd-eaglais Aachener Dom an-diugh, agus pàlas impireil.

Teàrlach Mòr an-diugh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Bidh an duais "Karlspreis" ann airson a chuid obrach ro aonachd na Roinn-Eòrpa a h-uile bliadhna deasghabhail ann an talla baile Aachen.
  • Ann an ceòl: Dh'fhoillsich Christopher Lee, cleasaiche agus seinneadair, clàr Meatailte Charlemagne: By the Sword and the Cross (2010)[1] agus clàr leanmhainn Meatailte truime Charlemagne: The Omens of Death (2013) mu dhèidhinn tachartasan beatha Theàrlaich Mhòir.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Michaels, Sean: “Christopher Lee to release 'symphonic metal' album”. Ann an: The Guardian, 5 am Faoilleach 2010. 
  2. Farrell, John: “Christopher Lee Celebrates 90th Birthday By Recording Heavy Metal”. Ann an: Forbes, 28 an Cèitean 2012. 

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Oswald Holder-Egger (Ed.): Einhardi Vita Karoli Magni. (Monumenta Germaniae Historica, Scriptores rerum Germanicarum in usum scholarum separatim editi 25). Hahn, 6mh eagran. Hanòbhar 1911 (air loidhne)(eagran sgrùdach)
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: