Liosta nam beann ann am Barraigh

O Uicipeid

Seo liosta de na beanntan as àirde ann an Eilean Bharraigh.

Dealbh saideil de na h-eileanan Barraigh, Bhatarsaigh is an fheadainn timcheall orra
Seòrsa Àirde as lugha Àirde rinneadh
Marilyn - 150 – 599 m
HuMP - 100 – 149 m
Gun sheòrsa - -

Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, thathar gam measach bho àm gu àm agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[1] Chaidh na h-àireamhan anns an liosta seo a chur ri chèile a rèir an luchdadh a-nuas 8 an Lùnastal 2014.

Chaidh an clàr a dhathachadh a rèir nan liostaichean a chaidh a chruinneachadh le daoine no buidhean eadar-dhealaichte. 'S e seòrsa beinn ann am Breatainn a tha ann am Marilyn. Feumaidh 150 meatair (492 troigh) de dh'àirde rinneadh a bhith oirre air a' char as lugha agus is coma mun àirde gu lèir neo feartan eile. Chaidh iad a chruinneachadh ann an liosta le Alan Dawson.[2]

Gheibhear liosta nas farsainge le àirde rinneach nas ìsle. Tha an cruinneachadh More Relative Hills of Britain[3] a' ghabhail a-steach na HuMPs, beanntan aig a bheil 100 meatair de dh'àirde rinneadh air a' char as lugha.

Liosta[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbh Ainm Àirde (m) Àirde rinneach (m) Màthair-mhullaich Suidheachadh Comharradh-clèithe
Sheabhal 384 384 - Barraigh NL678994
Beinn Tangabhal 332 308 - Barraigh NL638990
Beinn Chliaid 206 159 - Barraigh NF677042
Grianan 295 131 Sheabhal Barraigh NF681015
Beinn Mhàrtainn 244 110 Sheabhal Barraigh NF664020
Beinn Eòlaigearraidh Mhòr 105 102 Beinn Chliaid Barraigh NF700073
Beinn Òb 137 96 Sheabhal Barraigh NF703025
Bruairnis 96 92 Sheabhal Barraigh NF727010
Sheabhal North Top 360 38 Sheabhal Barraigh NF677000
Hartabhal 356 53 Sheabhal Barraigh NF682001
Cadha Mòr 242 30 Sheabhal Barraigh NL670997
Beinn na Mòine 216 48 Sheabhal Barraigh NF661001
Beinn Eireabhal 201 79 Beinn Chliaid Barraigh NF690044
Beinn nan Càrnan 163 64 Sheabhal Barraigh NL682982
Beinn Ghunnaraigh 152 50 Sheabhal Barraigh NF696009
Ben Leribreck 128 36 Sheabhal Barraigh NL664988
Àird Rubha Mòr 110 32 Sheabhal Barraigh NL692979

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Database of British and Irish Hills”. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
  2. Dawson, Alan (1992). The Relative Hills of Britain. Milnthorpe: Cicerone Press. ISBN 1-85284-068-4.
  3. Jackson, Mark: “More Relative Hills of Britain”. Relative Hills of Britain. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2015.