Beinn Eireabhal
Co-chomharran: 57°00′42″N 7°27′19″W / 57.011565°N 7.45524°W
Beinn Eireabhal | |
---|---|
Sealladh air Beinn Eireabhal | |
Àirde (m) | 201 |
Àirde (tr) | 659 |
Àirde rinneach (m) | 79 |
Màthair-mhullaich | Beinn Chliaid |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Barraigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N) |
Comharradh-clèithe | NF690044 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Eireabhal.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bharraigh deas air an Tràigh Mhòir, far a bheil raon-laighe nam plèanaichean. Tha Beinn Chliaid air an iar agus am baile Àird Mhòr san ear. Ged a tha an rathad A888 a' dol seachad deas air Beinn Eireabhal, chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Tha Beinn Eireabhal 201m (659 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 79m a' sgaradh Beinn Eireabhal bho na beanntan eile agus 's e Beinn Chliaid a mhàthair-mhullaich. Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ri fhaicinn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1] Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Orasaigh, Fuideigh is Healasaigh.
Freumh an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha am facal Eireabhal a' gabhail a-steach an gnàth-eileamaid Lochlannais "fjall" airson "beinn" aig deireadh an ainm. Nochdaidh fjall mar "bhal" neo "val" anns na h-ainmean Gàidhlig.[3] Tha e inntinneach gu bheil am facal "Beinn" aig toiseach an ainm "Beinn Eireabhal" agus am facal "bhal" a' nochdadh a-rithist mar phàirt den eileamaid shònrachaidh. Tha sin a' sealltainn mar a dh'atharraich ainm na beinne tro na linntean le muinntir Bharraigh nach robh a' tuigsinn Lochlannais tuilleadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ MacBain, A.: Place Names Highlands & Islands of Scotland 1922, dt 95. Sruighea: E. Mackay. Air a thadhail bho Chanadian Libraries Internet Archive, 1 an t-Sultain 2015 (Beurla)
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Sealladh bho Beinn Eireabhal