Beinn Tangabhal
Co-chomharran: 56°57′37″N 7°31′55″W / 56.960182°N 7.531984°W
Beinn Tangabhal | |
---|---|
Sealladh air Beinn Tangabhal bhon taobh tuath | |
Àirde (m) | 332 |
Àirde (tr) | 1089 |
Àirde rinneach (m) | 308 |
air liosta | Marilyn, HuMP |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Barraigh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N) |
Comharradh-clèithe | NL638990 |
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Tangabhal (Beurla: Ben Tangaval).
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte ann an deas an eilean Bharraigh mu 2,5km (1,5 mìle) iar air Bàgh a' Chaisteil. San ear tha an rathad A888 a' dol seachad air a' bheinn, ach chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne. Deas air Beinn Tangabhal tha rathad beag ann a tha a' ceangail Bàgh a' Chaisteil le Bhatarsaigh.
Tha Beinn Tangabhal 332m (1089 troigh) de dh'àirde[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 10 an t-Samhain 2012.[2] Air mullach na beinne chithear leac thriantanachd a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1] Tha an àirde rinneach de 308m a' sgaradh Beinn Tangabhal bho na beanntan eile. 'S e Marilyn is HuMP a th' ann. Gu ìre mhòir chaidh a' bheinn a chruthachadh à gneiss.[3]
Freumh an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm Tangabhal a' gabhail a-steach an gnàth-eileamaid Lochlannais "fjall" airson "beinn" aig deireadh an ainm. Nochdaidh fjall mar "bhal" neo "val" anns na h-ainmean Gàidhlig.[4] A rèir Borgström thàinig ainm na beinne bhon ainm Lochlannach "Tangafiall" (Beurla: Headland Hill) far a bheil "tangi" a' ciallachadh rubha, ainm freagarrach airson suidheachadh na beinne.[5] Tha e inntinneach gu bheil am facal "Beinn" aig toiseach an ainm "Beinn Tangabhal" agus am facal "bhal" a' nochdadh a-rithist mar phàirt den eileamaid shònrachaidh. Tha sin a' sealltainn mar a dh'atharraich ainm na beinne tro na linntean le muinntir Bharraigh nach robh a' tuigsinn Lochlannais tuilleadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ K. Branigan, P. Foster: Barra – Archaeological Research on Ben Tangaval. 1. deas. Sheffield Academic Press, Sheffield 1995, ISBN 1-85075-507-8, td 5.
- ↑ MacBain, A.: Place Names Highlands & Islands of Scotland 1922, dt 95. Sruighea: E. Mackay. Air a thadhail bho Chanadian Libraries Internet Archive, 1 an t-Sultain 2015 (Beurla)
- ↑ Borgström, C., 2008, 3 deas. The Norse Place-names of Barra. Ann an The Book of Barra. deas. Campbell, J. L. Steòrnabhagh: Acair Ltd. td 230.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Mullach na beinne
-
Sealladh bho mhullach na beinne
-
Sealladh air Beinn Tangabhal agus an A 888 bhon taobh tuath.