Jump to content

Hartabhal

O Uicipeid

Co-chomharran: 56°58′21″N 7°27′46″W / 56.972539°N 7.462699°W / 56.972539; -7.462699

Hartabhal

Àirde (m) 356
Àirde (tr) 1168
Àirde rinneach (m) 53
Màthair-mhullaich Sheabhal
Suidheachadh
Hartabhal is located in Alba
Hartabhal
Hartabhal (Alba)
Suidheachadh Barraigh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N)
Comharradh-clèithe NF682001

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Hartabhal. Nochdaidh e air cuid mhapaichean mar Thartabhal cuideachd.

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann an meadhan an eilean Bharraigh tuath air Sheabhal. Tha na bailtean Brèibhig, Sgallaraidh is Earsaraidh san ear-dheas air a' bheinn. Ged a tha an rathad A888 a' dol seachad sa deas air Hartabhal, chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Tha Hartabhal 356m (1168 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 20 am Faoilleach 2012.[2] Tha an àirde rinneach de 53m a' sgaradh Hartabhal bho na beanntan eile agus 's e Sheabhal a mhàthair-mhullaich. Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ann a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1]

Freumh an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm Hartabhal a' gabhail a-steach an gnàth-eileamaid Lochlannais "fjall" airson "beinn" aig deireadh an ainm. Nochdaidh fjall mar "bhal" neo "val" anns na h-ainmean Gàidhlig.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
  2. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  3. MacBain, A.: Place Names Highlands & Islands of Scotland 1922, dt 95. Sruighea: E. Mackay. Air a thadhail bho Chanadian Libraries Internet Archive, 2 an t-Sultain 2015 (Beurla)

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]