Jump to content

Beinn Ghunnaraigh

O Uicipeid

Co-chomharran: 56°58′51″N 7°26′27″W / 56.980695°N 7.440822°W / 56.980695; -7.440822

Beinn Ghunnaraigh

Sealladh air Beinn Ghunnaraigh
Àirde (m) 152
Àirde (tr) 499
Àirde rinneach (m) 50
Màthair-mhullaich Sheabhal
Suidheachadh
Beinn Ghunnaraigh is located in Alba
Beinn Ghunnaraigh
Beinn Ghunnaraigh (Alba)
Suidheachadh Barraigh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (452N)
Comharradh-clèithe NF696009

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Ghunnaraigh. Nochdaidh e air cuid mhapaichean mar Beinn Ghunaraigh cuideachd.

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte meadhan an eilean Bharraigh. Tha mòran bheann timcheall air, tha Beinn Òb sa tuath, Grianan san iar agus Hartabhal is Sheabhal sa deas. Tha am baile Earsairigh san ear-dheas Beinn Ghunnaraigh. Ged a tha rathad A888 a' dol seachad air san ear-dheas cuideachd, chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Tha Beinn Ghunnaraigh 152m (499 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chan eil dad sònraichte ri fhaicinn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àirde na beinne san 14 an t-Iuchar 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 50m a' sgaradh Beinn Ghunnaraigh bho na beanntan eile agus 's e Sheabhal a mhàthair-mhullaich.

Freumh an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir Borgström tha an dàrna facal ann am Beinn Gunnaraigh a' tighinn bhon fhacal Lochlannais "Gunnarserg" agus a' toirt fianais mu àirigh Ghunnar.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a tharraing air 28 an Lùnastal 2015 (Beurla)
  2. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  3. Borgström, C., 2008 3 deas. The Norse Place-names of Barra. Ann an The Book of Barra. deas. Campbell, J. L. Steòrnabhagh: Acair Ltd. td 231.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]