Lachlan MacIlleathain

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Lachlan MacIlleathain
Beatha
Breith Colla, 1798
Dùthaich  Alba
Bàs 1848
Dreuchd
Dreuchd neach-bùtha, bàrd, sgrìobhadair, sgrìobhadair laoidhean agus deasaiche

B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Lachlan MacIlleathain (1798-1848).[1]

Rugadh Lachlan MacIlleathain ann an Colla. Chaidh e a Ghlaschu far an d'fhuair e bùth agus dh'obair e mar fhear na bùtha.[1]

Chleachd e iomadh far-ainm nuair sgrìobh e. Nam measg, sgrìobh e fon ainm 'Lachlann na Gàidhlig' agus 'Lachann nam Mogan'.[1] Sgrìobh e pìosan anns An Teachdaire Gaelach agus Cuairtear nan Gleann fo ainmean eile, nam measg 'Am Bùirdeiseach Bàn', 'An Gaidheal anns a' bhaile', 'Eóghan Og' agus 'MacTalla'.

Dheasaich e an iris An Teachdaire Ùr Gàidhealach.


Foillseachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 Thomson, Derick. 1994. The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow: Gairm), d.181