Joseph Goebbels
B' e sgrìobhadair, neach-aithris neach-poileataigs agus eucoireach-cogaidh Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann am Paul Joseph Goebbels (IPA: ˈpaʊ̯l ˈjoːzɛf ˈɡœbl̩s, Rheydt, 29 an Dàmhair 1897 - Berlin, 1 an Cèitean 1945).[1] Rugadh agus thogadh Goebbels ann an Rheydt - a tha na phàirt Mönchengladbach san Ruhrgebiet an latha an-diugh - agus bhuinneadh e do theaghlach clas-obrach Caitligeach - bha athair na chlàrc ann an taigh-gnìomhachais. Bha e na ghrìochaire nuair a bha e na phàisd agus ciorramach fad a bheatha. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Mhünchen, Oilthigh Bhonn, Oilthigh Fhreiburg agus Oilthigh Würzburg. Mu dheireadh thall rinn e dotaireachd ann ann litreachas aig Oilthigh Heidelberg ann an 1921. Bha a theaghlach ag iarraidh gum biodh e na shagart ach cha do ghabh e anns an Eaglais Chaitligeach idir. Ghabh e ann am Pàrtaidh Nàsach ann an 1924, beagan an dèidh an Hitlerputsch agus a'chùis-lagha a lean sin: dhrùidh Hitler airsan.[2] Chaidh a thaghadh dhan Reichstag ann an 1928. B' e Goebbels a bha an sàs ann an iomairtean propaganda airson Nàsachd agus rinn e iomairt an aghaidh na h-Eaglaise.[3] Bha e a-measg nan daoine na bu chumhachaile san Treas Reich an dèidh Adolf Hitler fhèin. Aig deireadh a' Chogaidh ach chuir e às dha fhèin agus a theaghlach air 1 an Cèitean 1945 is feachdan an Aonaidh Sobhiataich a' dùnadh a-steach air Berlin.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Evans, Richard J. (2004). The Coming of the Third Reich. Penguin Press, ISBN 978-1-59420-004-5.
- ↑ Manvell, Roger; Fraenkel, Heinrich (2010) [1960]. Doctor Goebbels: His Life and Death. Eabhraig Nuadh Skyhorse. ISBN 978-1-61608-029-7.
- ↑ Michael, Robert (2006). Holy Hatred: Christianity, Antisemitism, and the Holocaust. Springer. ISBN 0230601987.