Han Hollander
Han Hollander | |
---|---|
Guth | |
Beatha | |
Breith | Deventer, 5 dhen Dàmhair 1886 |
Dùthaich | Rìoghachd nan Tìrean Ìsle |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Sobibór Extermination Camp (en) , 9 dhen Iuchar 1943 |
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd | preasantair telebhisein, neach-naidheachd, seinneadair agus pearsa rèidio |
B' e neach-aithris, craoladair agus lùth-chleasaiche às na Tìrean Ìsle a bh' ann an Han Hollander (Ainm slàn: Hartog Hollander, Deventer, 5 an Dàmhair 1886 - Sobibór, 9 an t-Iuchar 1943).[1]
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuineadh Hollander do theaghlach Iùdhach à Deventer: 's e bròcair a bh' ann athair, Simon, agus neach-malairt a bh' ann a sheanair, Jacob. Thoisich Han ball-coise a' cluiche leis a' chlub Go Ahead ann an 1902.[2] Fhuair e obair ris an rèile ann an 1904 is e na phreantas chlèireach agus an uair sin na chlèireach. Phòs e ri Leentje Smeer ann an 1912.[1] A bharrachd air a dreuchd fhèin, dhèanadh e aithrisean mu dheidhinn spòrs airson Het Sportblad agus, ann an 1921, chaidh e ainmeachadh leas-dheasaiche nan spòrs leis a' phàipear-naidheachd De Telegraaf. Choinnich e ri Willem Vogt nuair a bha e san arm. An ceann bhliadhnaichean, nuair a bha Vogt os cionn a' chompanaidh rèidio AVRO, thug e cuireadh do Hollander a bhith na chraoladair ball-coise. Rinn e a' chiad aithris beò air 11 am Màrt 1928 ann an gèama ball-coise eadar-nàiseanta eadar Na Tìrean Ìsle agus A' Bheilg. Chòrd a ghuth taitneach binn leis an luchd-èisteachd agus bha Hollander uabhasach ainmeil san dùthaich fad na 30an mar a' chiad aithrisiche spòrs aca.
Hitler
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Hollander gu Berlin airson a bhith a' toirt aithris rèidio air na gèamaichean Oilimpigeach. Fhuair e cothrom obair nan Nàsach fhaicinn. An ceann ceithir bliadhna, ann an 1940, thug A' Ghearmailt ionnsaigh air Na Tìrean Ìsle.[3] Mhair an còmhstri dìreach còig latha, mus do mhill na Nàsaich Rotterdam.[4] Theich an teaghlach rìoghail thall thairis agus ghèill an t-arm. Thoisich fasgadh nan Iùdhach ann an 1941, a dh'aindeoin stailc nan aghaidh. Bha an eaglais Caitligeach agus na h-aonaidhean-ciùird an aghaidh na bha na Nàsach a' dèanamh ach thug am poileas taic dhan nàmhaid: chaidh campa a stèidheachadh ann an Westerbork ann an 1942 agus fear eile ann an Amersfoort agus Vught. Chaill na h-Iùdhaich an dreuchd ann an 1940. Chuireadh an teaghlach Hollander tro champa ann an Westerbork ann an 1943. Bhàsaich a nighean Froukje sa champa Auschwitz thall sa Phòlainn air 28 an Gearran 1943 agus chaochail Han Hollander agus a bhean Leentje sa Champa Sobibór, air 9 an t-Iuchar 1943.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 van Herpen, J.J. (12mh dhen t-Samhain 2013): “Hollander, Hartog (1886-1943)”, Biografisch Woordenboek van Nederland. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ 2.0 2.1 “Hartog Hollander”. Joodsmonument. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ War over Holland
- ↑ Hooton, Edward (2007), Luftwaffe at War; Blitzkrieg in the West, London: Chervron/Ian Allan, ISBN 978-1-85780-272-6