Gorseinon
Tha am baile Gorseinon (Beurla: [gɔː'saɪnən] Cuimris: [gɔr'seɪnɔn]) faisg air Abertawe ann an ceann a deas na Cuimrigh. B' e clachan beag a bh' ann ron 19mh Linn nuair a thug an Tionndadh Gnìomhachais mèinnearachd ghuail agus phlàta-staoine chun bhaile.[1] A rèir Oifis na Stadastaig Nàiseanta, 's ann am broinn sgìre bhailteil Ghorseinon a tha na bailtean beaga eile d' ainmean Pentre'r Ardd (Beurla: Garden Village), Casllwchwr (Beurla: Loughor), agus Penllergaer (gun ainm Beurla).[2] Air sgàth an t-seòrsachaidh seo, bha e air ainmeachas gun robh 20,581 daoine a' fuireach ann an sgìre bhailteil Ghorseinon ann an 2011, agus bha Cuimris aig 29.14% dhiubh, ann an Cunntas-Sluaigh Nàiseanta Shasainn agus na Cuimrigh.[3]
Gorseinon | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | A' Chuimrigh |
Ceàrn | Ceann a deas na Cuimrigh |
Sgìre | Abertawe |
Co-chomharran | 51.6695° Tuath -4.0415° Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 20,581 (2011) |
Tìr-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha abhainn Lliw (a tha a' ciallachadh 'dath' anns a' Chuimris) a' ruith tro Ghorseinon. Tha am baile faisg air Linne Llwchwr, far a bheil Lliw a' ruigsinn. 'S e an crìoch eadar Siorrachd Chaerfyrddin (Cuimris: Sir Gaerfyrddin no Sir Gâr; Beurla: Carmarthenshire) agus Siorrachd Abertawe a th' ann an Linne Llwchwr (Cuimris: Aber Llwchwr; Beurla: Loughor Estuary). Mar sin dheth, tha Gorseinon air crìoch an iar na siorrachd eachdraidheil d' ainm Morgannwg (Beurla: Glamorgan).
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]A thaobh chòmhdhail, tha Gorseinon mu leathach eadar Abertawe agus Llanelli, mar sin tha torr slighean bhusaichean a tha a' ruith dhan dhà bhaile sin. Tha stèisean bhusaichean beag ann am meadhan a' bhaile. Tha Gorseinon air an rathad-mòr A484 cuideachd, a tha a' coinneachadh Abertawe agus Llanelli. Tha Gorseinon faisg air an t-slighe a-mach àireamh 47 dhen mhotar-rathad M4, a tha a' tòiseachadh ann an Lunnainn, agus a tha a' ruith tro bhailtean-mhòra leithid Bristol agus Caerdydd (Beurla: Cardiff). Ged a tha loidhne-rèile a' dol seach Gorseinon, chan eil stèisean thrèanaichean ann. 'S ann ann an Tre-gŵyr (Beurla: Gowerton) a tha an stèisean ionadail as fhaisge, ach 's ann ann am meadhan Abertawe fhèin a tha an stèisean mòr as fhaisge bhon a' bheil trèanaichean gu Caerdydd agus Lunnainn a' fàgail.[4]
Foghlam
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil ach aon àrd-sgoil anns an sgìre; 's e Pen-yr-heol an t-ainm a th' oirre. 'S e àrd-sgoil tro mheadhan na Beurla a th' innte, ach tha àrd-sgoil Chuimris ann an Tre-gŵyr, d' ainm Ysgol Gyfun Gŵyr. A thaobh bhun-sgoiltean, tha còig bun-sgoiltean Beurla ann, agus aon bhun-sgoil Chuimris.[5] Tha àrainn aig colaiste Gower College Swansea ann an Gorseinon, a tha a' solarachadh iomadh chùrsa fhoghlaim adhartaich.[6] 'S ann ann an Abertawe a tha an t-oilthigh as fhaisge, Oilthigh Abertawe (Beurla: Swansea University).
Riaghaltas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha comhairle a' bhaile aig Gorseinon,[7] ged a tha e ann an ùghdarras ionadail Abertawe. Tha Gorseinon ann an roinn-taghaidh Gŵyr (Beurla: Gower) a thaobh pàrlamaidean na Cuimrigh agus na Rìoghachd Aonaichte.[8] Ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa, 's ann ann an roinn-taghaidh na Cuimrigh a tha am baile.[9]
Bailtean-cèile
[deasaich | deasaich an tùs]- Ploërmel, A' Bhreatainn Bheag [10]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “The Industrial Revolution in Tir Y Brenin (Gorseinon)” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ Office for National Statistics (ONS), Nomis: Official labour market statistics: “Gorseinon urban area” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ Office for National Statistics (ONS), Nomis: Official labour market statistics: “ONS Datasets” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Stations in Wales” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Swansea schools” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 207.
- ↑ “Gower College Swansea, Gorseinon campus” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Gorseinon Town Council” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Ordnance Survey election maps” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Your members in the European Parliament” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “The Gorseinon and Llwchwr District Twinning Association” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.