Gorseinon
Tha am baile Gorseinon (Beurla: [gɔː'saɪnən] Cuimris: [gɔr'seɪnɔn]) faisg air Abertawe ann an ceann a deas na Cuimrigh. B' e clachan beag a bh' ann ron 19mh Linn nuair a thug an Tionndadh Gnìomhachais mèinnearachd ghuail agus phlàta-staoine chun bhaile.[1] A rèir Oifis na Stadastaig Nàiseanta, 's ann am broinn sgìre bhailteil Ghorseinon a tha na bailtean beaga eile d' ainmean Pentre'r Ardd (Beurla: Garden Village), Casllwchwr (Beurla: Loughor), agus Penllergaer (gun ainm Beurla).[2] A-rèir Cunntas-Sluaigh Nàiseanta Shasainn agus na Cuimrigh, bha 20,581 daoine a' fuireach ann an sgìre bhailteil Ghorseinon ann an 2011, agus bha Cuimris aig 29.14% dhiubh.[3]
| Gorseinon | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | A' Chuimrigh |
| Ceàrn | Ceann a deas na Cuimrigh |
| Sgìre | Abertawe |
| Co-chomharran | 51.6695° Tuath -4.0415° Iar |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 20,581 (2011) |
Tìr-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha abhainn Lliw (a tha a' ciallachadh 'dath' anns a' Chuimris) a' sruthadh tro Ghorseinon. Tha am baile faisg air Linne Llwchwr, far a bheil Lliw a' ruigsinn. 'S e Linne Llwchwr (Cuimris: Aber Llwchwr; Beurla: Loughor Estuary) an crìoch eachdraidheil eadar Siorrachd Chaerfyrddin(Cuimris: Sir Gaerfyrddin no Sir Gâr; Beurla: Carmarthenshire) agus Siorrachd Abertawe. Mar sin dheth, tha Gorseinon air crìoch taobh an iar na siorrachd eachdraidheil air an robh Morgannwg (Beurla: Glamorgan).
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]A thaobh chòmhdhail, tha Gorseinon mu leatheach-slighe eadar Abertawe agus Llanelli, agus tha mòran slighean bhusaichean a' dol eadar an dà bhaile tro Ghorseinon. Tha stèisean beag bhusaichean ann am meadhan a' bhaile. Tha Gorseinon air an rathad-mòr A484 cuideachd, a tha a' ceangal Abertawe agus Llanelli ri chèile. Tha Gorseinon faisg air an t-slighe a-mach àireamh 47 dhen mhotar-rathad M4, a tha a' tòiseachadh ann an Lunnainn, agus a tha a' ruith tro bhailtean-mòra mar Bristol agus Caerdydd (Beurla: Cardiff). Ged a tha loidhne-rèile a' dol seachad air Gorseinon, chan eil stèisean thrèanaichean ann. 'S ann ann an Tre-gŵyr (Beurla: Gowerton) a tha an stèisean ionadail as fhaisge, ach 's ann ann am meadhan Abertawe fhèin a tha an stèisean mòr as fhaisge air Gorseinon às a bheil trèanaichean gu Caerdydd agus Lunnainn a' falbh.[4]
Foghlam
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil ach aon àrd-sgoil anns an sgìre; 's e Pen-yr-heol an t-ainm a th' oirre. 'S e àrd-sgoil tro mheadhan na Beurla a th' innte, ach tha àrd-sgoil Chuimris ann an Tre-gŵyr air a bheil Ysgol Gyfun Gŵyr. A thaobh bhun-sgoiltean, tha còig bun-sgoiltean Beurla ann, agus aon bhun-sgoil Chuimris.[5] Tha àrainn aig colaiste Gower College Swansea ann an Gorseinon, a tha a' lìbhrigeadh iomadh chùrsa fhoghlaim adhartaich.[6] Chan eil oilthigh ann an Gorseinon, ach tha Oilthigh Abertawe (Cuimris: Prifysgol Abertawe; Beurla: Swansea University) agus Oilthigh na Cuimrigh Trianaid Naoimh Dhàibhidh (Cuimris: Prifysgol Cymru Y Drindod Dewi Sant; Beurla: University of Wales Trinity St David's) ann an Abertawe.
Riaghaltas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha comhairle baile aig Gorseinon,[7] ged a tha e ann an ùghdarras ionadail Abertawe. Tha Gorseinon ann an roinn-taghaidh Gŵyr (Beurla: Gower) a thaobh pàrlamaidean na Cuimrigh agus na Rìoghachd Aonaichte.[8] Ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa, b' ann ann an roinn-taghaidh na Cuimrigh a bha am baile.[9]
Bailtean-cèile
[deasaich | deasaich an tùs]
Ploërmel, A' Bhreatainn Bheag [10]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “The Industrial Revolution in Tir Y Brenin (Gorseinon)” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ Office for National Statistics (ONS), Nomis: Official labour market statistics: “Gorseinon urban area” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ Office for National Statistics (ONS), Nomis: Official labour market statistics: “ONS Datasets” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Stations in Wales” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Swansea schools” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 207.
- ↑ “Gower College Swansea, Gorseinon campus” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Gorseinon Town Council” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Ordnance Survey election maps” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Your members in the European Parliament” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “The Gorseinon and Llwchwr District Twinning Association” (Beurla). Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2017.