Geir Hallgrímsson
Geir Hallgrímsson | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
19 dhen t-Samhain 1959 - 1 dhen Dùbhlachd 1972
29 dhen Dàmhair 1974 - 9 dhen Dàmhair 1978 ← Magnús Torfi Ólafsson (en) - Ólafur Jóhannesson →
29 dhen Dàmhair 1974 - 9 dhen Dàmhair 1978 ← Ólafur Jóhannesson - Ólafur Jóhannesson →
10 dhen Dàmhair 1983 - 24 dhen Fhaoilleach 1986 ← Ólafur Jóhannesson - Matthías Árni Mathiesen (en) → | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Breith | Reykjavík, 16 dhen Dùbhlachd 1925 | ||||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||||
Bàs | Reykjavík, 1 dhen t-Sultain 1990 | ||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Foghlam | Oilthigh Innis Tìle | ||||||||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus bancair | ||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||
Creideamh | |||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Sjálfstæðisflokkurinn |
B' e bancair, neach-lagha, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Geir Hallgrímsson.[1] Rugadh e air 16 an Dùbhlachd 1925 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Innis Tìle agus Oilthigh Harvard. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1970. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1974 gu ruige 1978 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd), ann an co-bhann le Framsóknarflokkurinn. Nuair a bha esan a' stiùireadh na dùthcha leasaich Innis Tìle a chuid chrìochan mara gu 200 mìle mu timcheall an eileain agus thug iad air An Rìoghachd Aonaichte ainm a chur gu còrdadh sìthe an dèidh Cogadh an Troisg (Innis-Tìlis: Troskastridin). Phòs e aig Erna Finnsdóttir ann an 1948 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla.[2] Bha e os cionn Seðlabanki Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innise Tìle) bho 1986 gu ruige 1990. Chaochail Hallgrímsson ann an Reykjavík air 1 an t-Sultain 1990.[3]
Caibineitean Hallgrímsson
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Hallgrímsson os cionn an riaghaltais.[4] Bhuinneadh iad uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Geir Hallgrímsson: Prìomhaire agus Ministear Staitistig
- Einar Ágústsson: Dùchannan Cèin
- Ólafur Jóhannesson: Ceartas is Cùisean Eaglaiseil, Gnìomhachas
- Gunnar Thoroddsen: Ionmhais agus Cùisean Sòisealta
- Halldór E. Sigurðsson: Àiteachas agus Àiteachas
- Matthías Á. Mathiesen: Gnìomhachas
- Vilhjálmur Hjálmarsson: Foghlam
- Matthías Bjarnason: Iasgach agus Slàinte
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Ro-theachdair: Ólafur Jóhannesson (1974) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Ólafur Jóhannesson (1978) |