Jump to content

Deasbaireachd a' chleachdaiche:Sionnach/Tasglann 1

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Końskowola - Poland

Could you please write a stub http://gd.wikipedia.org/wiki/Ko%C5%84skowola - just a few sentences based on http://de.wikipedia.org/wiki/Ko%C5%84skowola ? Only 3-5 sentences enough. Please.

P.S. If You do that, please put interwiki link into english version. 123owca321 16:03, 9 June 2007 (UTC)

Can you help me?

Hello! I'm sorry to write in english, but I need a translation of this anthem to scottish. Can you make it to me, when you get free time, please? Thank you very much! vonusovef (wha?) 19:11, 4 July 2007 (UTC)

Infobox Kawagoe

Ghluais! Ach, chan e ach "copy is paste" as urrainn dhomhsa a dhèanamh, seach air na bhios sibh fhèin comasach!

Tapadh leibh airson na h-infobocsa as ùr a rinn sibh. Tha na faclan a' coimhead ceart nam bheachd. Chan eil cinnt ann dè am facal as fheàrr air "Prefecture". Ach, chanainn-sa gu bheil "ceàrn" ga cleachdadh airson sgìrean mòra, mar Canto, agus tha "sgìre" nas lugha. Mar eisimpleir, gheibhear "parochial" airson "sgìreil", agus 's e "parish" a th' oirre a thaobh mapa na h-Alba fhèin. 'S e "district" a th' air "ceàrn" air mapa na h-Alba. Mar sin dheth, tha Saitama na sgìre anns a' cheàrn Kanto....air neo, dh' fhaoidte gum biodh "roinn" ceart gu leòr.

Agus tha sibh ceart, 's e "plateau" a' Bheurla air "Àrd-thìr". NB. Feumaidh mi innse dhuibh gun do rinn mi sgrios air aon de na dealbhan air an duilleag Kawagoe. Dh'fheuch mi ri "Caisteal Kawagoe" a chur air, ach rinn mi rudeigin ceàrr, agus dh' fhalbh an dealbh! Tha mi duilich. Chan eil fhios agam ciamar a chuireas ceart e!

Skype

Gun teagamh, bheir mi cuideachadh dhuibh. Ma tha artaigail sam bith agad, cuiribh thugam e agus nì mi mo dhìcheall cuideachadh a thoirt dhuibh leis. Tha mi cuideachd deònach còmhradh a dhèanamh air Skype, nam bu mhath leibh sin. ‘S e Steaphan28 an ID agam.

Bismarck

Seo na bha dùil agam fhoillseachadh. Dè ur barail fhèin air na molaidhean agam?

B’ e neach-poileataics gearmailteach a bh’ ann an Otto Eduard Leopold, Prionnsa Bismarck, Diùc Lauenburg, Count von Bismarck-Schönhausen anns an 19mh linn.

Tha e iomraiteach ann an Aonachadh na Gearmailt (German Unification sa Bheurla). ‘S e sin gum b’ esan a dh’ innlich cruthachadh Stàit na Gearmailt mar a tha i an-diugh. Nuair a chaidh àrd-rioghachd/ìmpireachd na Gearmailt a stèidheachadh, b’ esan a ciad seannsalair.

Rugadh Otto von Bismarck-Schönhausen air 1 Giblean, 1815 ann an Schönhausen ann an Sagsainn-Anhalt; chaidh àrach ann am Pommern anns a’ Phruis. Thug e a-mach ceum ann an eòlas-lagha ann am Berlin. An toiseach, bha e ag obair mar thuathanach air an tuathanas aige ann an Schönhausen, ach chaidh e an sàs ann an saoghal nam poileataics ann an 1848.

‘S e ceannard–ministear na Pruis a bh’ ann bho 1862 gu 1890. Chaidh aig Bismarck air na stàitean beaga neo-eisimeil ann an taobh tuath na Gearmailt a chur ri chèile, a’ cruthachadh Co-chaidreamh Gearmailt a Tuath (an Gearmailtis: Norddeutscher Bund) agus a’ Phruis mar an stàit a bu chudthromaiche.

Rinn e cùmhnantan os ìseal (secretly) leis na stàitean beaga ann an taobh a deas na Gearmailt cuideachd. Bhuannaich a’ Phruis ann an Cogadh na Frainge ‘s na Pruis (1870 –1871) , agus bhris iad cumhachd na Frainge anns an Roinn-Eòrpa. An dèidh sin, dh’aonaich Co-chaidreamh Gearmailt a Tuath agus stàitean beaga eile ri chèile gus Àrd-Rioghachd/Impireachd na Gearmailt (1871-1918) (sa Bheurla: German Empire, `sa Ghearmailtis: Deutsches Kaiserreich) a stèidheachadh leis a’ Phruis mar phrìomh stàit. Bha Uilleam I na àrd-rìgh agus bha Bismarck na chiad seannsalair (1871-1890).

Dealbh „a’leigeil às an ceann-iùil“ bho Sàr John Tenniel anns an iris "Punsch" 1890. A thaobh Àrd-Rìoghachd na Gearmailt - chuir e pòsadh catharra, àrachas-slàinte, àrachas-tubaist agus àrachas-peinnsean air bhonn.

An e seo na bha thu ag iarraidh a ràdh? Tha "cothrom" a' ciallachadh "balance", agus "state" cuideachd.

A thaobh poileasaidhean céin, chùm e na stàitean Eòrpach ann an deagh chothrom poileataigeach.

Ann an 1847 phòs e Johanna von Puttkammer agus bha dithis mhac aca, Herbert agus Uilleam.

Eadar 1862 agus 1888, bha Bismarck ag obair còmhla ri Uilleam I ach, ann an 1888, thàinig Ceusair Uilleam II gu cumhachd, fear a bha 40 bliadhna na b’ òige na Bismarck. Mar a bhite an dùil, bha beachdan ùra agus dòighean eile aig Uilleam II. Mar sin dheth, chaill Bismarck an dreuchd aige ann an 1890, o chionn’s gun do dh’ìarradh air leis an àrd-rìgh/ìmpire, Uilleam II, na dleastanasan politigeach aige a choileanadh na aonar. Chaochail Bismarck air 30 Iuchar, 1898 ann an Friedrichsruh faisg air Hamburg. Chaidh adhlachadh ann an-sin cuideachd.

Atharrachaidhean

Ciamar a tha sibh? Thug mi sùil air Oilthigh Chill Rìmhinn, agus rinn mi beagan atharrachaidhean, ach 's e deagh aiste san fharsaingeachd! Na gabh dragh mun Ghàidhlig agaibh, tha i math. Cuideachd, dh' atharraich mi An Saoghal, agus dh'fheuch mi ri Siostam-na-Grèine atharrachadh gu An Crios-Grèine, ach rinn mi sgrios air...gabhaibh mo leisgeul a-rithist! Bha mi airson cuid de ainmean nam planaidean atharrachadh cuideachd.

Bheir mi suil air, ma bhios beagan uine agam. Ach dè na h-ainmean eile a bhios sibh ag atharrachadh?--Sionnach 22:10, 28 An Lùnastal 2007 (UTC)

A-rithist, 's e ainmean nam planaidean mar a th' aca orra aig a' BhBC agus anns na sgoiltean.

Mearcair, Bhèineas, Màrt, Iupatar, Satharn, Uranas, Neiptiuin, agus Pluto. Fo "fhoghlam" air làrach BBC ALBA, gheibhear fiosrachadh mun Chrios-Grèine fo "notaichean airson tidsearan". Tha tòrr bhriathrachas ùr feumail ann an sin.
Tha sin innteanach, mòran taing. Chan eil mi a' coimhead air na notaichean airson tidsearan gu math tric.
Seall air an àite cluich agam-sa. An e sin a tha sibh ag iarraidh? S'urrainn dhuibh a chluich an-seo gun measgachadh a' dèanamh. Ma bhios e ann an doigh ma thogras sibh, cuiribh an HTML teacsa anns an duilleag Template:An Crios-Greine. Ach bi faiceallach. Nan dèanadh sibh sin, bhiodh ceangail do cuid de na planaidean briste.
An ath cheum: an toiseachd ghuaiseadh sibh na duilleagan leis na ceanglaichean briste don duilleag ùr leis an ainm ùr. An uair sin b' urrainn dhuibh an aiste leudachadh.
Agus smaoin eile: is dòcha gur e deagh poileataigs an th' ann, ma sgrìobhas sibh air an duilleag Template:An Crios-Greine#deasbaireachd, carson a tha sibh ag atharrachadh na faclan: m.e.:...fo "fhoghlam" air làrach BBC ALBA....--Sionnach 15:27, 29 An Lùnastal 2007 (UTC)

Iapan seach Siapan

Tha bacadh air gluasad na duilleige Siapan gu Iapan. 'S e Iapan a thathas a' cleachdadh gu h-oifigeil a-nis airson Japan, ged 's e An t-Seapan ainm eile a th' againn. 'S fheàrr leam fhìn An t-Seapan, ach a dh' aindeoin sin, tha mi a' cleachdadh Iapan ann an Wikipedia air sgàth socradh rannsachaidh.

Rinn mi beagan rannsachaidh mun ainm Siapan, Iapan neo An t-Seapan. Chan fhaca mi an t-ainm Siapan neo Iapan ann an àiteigin sam bith (Dwelly, neo stòr-dàta SMO neo Faclair na Pàrlamaid amsaa..), ach chunnaic mi An t-Seapan anns an Colin Mark: Am Faclair Gàidhlig-Beurla (2004). Mar sin s' fheàrr leam-sa an t-aimn An t-Seapan. Ach thuirt sibh, gur e Iapan a thathas a' cleachdadh gu h-oifigeil a-nis. Cò agus càite? An e ainm oifigeil a tha ann an Iapan? 'S e sin an ceist.--Sionnach 20:59, 28 An Lùnastal 2007 (UTC)
Seadh, sin an ceist gu dearbha. Thathas ga cleachdadh le BBC Alba, agus ma bhios i ga cleachdadh leothasan, tha sin a' dèanamh gu bheileas ga cleachdadh anns na sgoiltean Ghàidhlig, mar is fhiù is mar is fhiosrach mi co-dhiù. Tha leabhar ann a gheibhear à Comhairle nan Leabhraichean, air a bheil Ionnsaich mu Iapain. Chan fhoillsich iadsan ach leabhraichean air an litreachadh a-rèir riaghailtean GhOC (Gaelic Orthographic Conventions). Tha an leabhran GOC agam an seo, agus air duilleag 13, tha e a-mach air Sound adaptation and loan words. Initial J may be represented by i: Iapan (Japan). A dh' aindeoin sin, 's gann gu faighear sinn lorg air Iapan air an eadar-lìon.
Nan toirinn-sa seachad tuaiream mun t-suideachaidh sin, chanainn-sa gur e a th' anns an fhacail "Iapan" ach Gàidhlig an taobh tuath, seach Gàidhlig taobh deas na Gàidhealtachd. Thathas a' cleachdadh antSeapáin ann an Èirinn agus tha Gàidhlig na h-Èireann 's Gàidhlig Earra-Ghàidheil nas daimheala dhan a chèile. 'S mòr am beud nach do thagh iad An t-Seapan! Tha e fada nas "Ghàidhealaiche" ri mo chluasan fhèin. B' e An t-Seapan a bh' air an dùthaich mus tàinig riaghailtean ùra GhOC a-mach.
Glè mhath, tha sin gu math soilleir. Tha sin uabhasach innteanach! Ciamar a tha fios agaibh mun a h-uile rud mar sin?
Cò-dhiù, rinn mi e. Ghluais mi an content (?) bho Siapan gu Iapan agus chuir mi ath-stiùiridh air Siapan. Tha mi an dòchas gum bi sin iomchaidh dhuibh. Agus chuir mi bocsa fiosrachaidh ann cuideachd, cho math as urrainn dhomh (cus Beurla!). Ach tha an teacsa tursail ann fhathast, dh'fhàg mi e air ur son.
Eadar dà sgeul, ciamar a fhuair sibh air Siapan a ghluasad gu Iapan?
Leis an fhirinn innse, chan eil mi cinnteach idir, idir an robh sin ceart mar a rinn mi e. Rinn mi leth-bhreac den duilleig Siapan agus chuir mi e air duilleig Iapan. An uair sin chuir mi ath-stiùiridh bho Siapan gu Iapan.
Agus tha smuain eile agam: Bu toil leam leth-bhreac den deasbad an-seo a chur air an duilleag Talk:Iapan. 'S e sin an rud a tha iad a' dèanamh anns na Wikipedias eile. Ma bhios deagh adhbhar ann carson a bhios ainm na aiste mar a tha e, foillsichidh iad e ann an duilleag deasbaireachd na h-aiste. Chunnaic mi gun do ghluais Iapan bho Japan gu Iapan gu Siapan agus an-nise air ais gu Iapan. Mar sin dheth bu toil leam an adhbhar a chuir ris an aiste. Dè ur beachd?--Sionnach 21:53, 29 An Lùnastal 2007 (UTC)
Gun teagamh, chan eil dragh sam bith agam a thaobh a bhith a' dèanamh sin. Cha bu mhath leam cuideigin eile a' tighinn a-steach agus na mearachdan a chur air ais air a-rithist!
Cha bu mhath leam-sa na bu mhotha! Rinn mi e. Chì sibh e an-seo:Talk:Iapan.

Bha fios agam mun phoileasaidh aig Comhairle nan Leabhraichean air sàilleabh 's gun robh mi ag obair dhaibh bho chionn beagan bhliadhnaichean. Cha b' e ach greis gnìomhachais a rinn mi ge-tà. Dhaibhsan agus do Chomann na Gàidhlig cuideachd. Na rudan eile, ueill, bidh mi a' cumail mo shùilean fosgailte 's mo chluasan ri chlaisneachd agus tha rudan mar sin a' tighinn thugam air sgàth sin. Cha bhi fios agam ciamar is càite a fhuair mi a-mach uaireannan ge-tà, ach dìreach gu BHEIL fios agam.

Tha mi gu math trang an-dràsta, agus tha an t-uabhas agam ri dhèanamh ach bheir mi sùil air na h-aistean agaibh cuideachd cho luath 's a tha e an comas dhomh! 'S i an làmh a bheir, an làmh a gheibh, mar gum biodh, 's mar sin dheth tha e na chuideachadh dhomhsa a bhith a' toirt cuideachadh dhuibhse! Ceud mìle mìle taing airson ur cuid taic!

Ceud mìle taing air ais. Tha e a' cordachd rium gu mòr a bhith ag obair còmhla ruibh. Tha sin innteanach agus tha mi ag ionnsachadh mòran! Agus gabhaidh air ur socair leis na h-aistean agam, chan eil abhbhar sam bith ann airson a bhith cho luath.--Sionnach 21:43, 30 An Lùnastal 2007 (UTC)

Nicolaus Copernicus

Rinn mi deasachadh air an aiste agaibh, agus tha mi an dòchas gun còrd sin ruibh. Chan eil rian nach d' fhuair mi air a h-uile rud a chur an cèill cho ealanta sin, ach tha mi dhen bheachd gu bheil e beagan nas sgiobalta an-dràsta. NB Chruthaich mi briathar Gàidhlig airson "heliocentric" (grian-mheadhanach) agus "geocentric" (cruinn-mheadhanach)! Gheibhear meadhan-aomachdail no meadhan-aomach airson "centripedal" anns an Stor-dàta, mar sin dheth, bha mi saoilsinn nach dèanadh e cron sam bith briathran ùra eile a chruthachadh! (Fhad 's a tha iad ceart a thaobh ghràmair). Tìoraidh an-dràsta.--Steaphan30 08:07, 31 An Lùnastal 2007 (UTC)

Samhail Baile (Baile Template)

Halò a-rithist. Dìreach puing bheag. Dh'innis mi dhuit fiosrachadh ceàrr. 'S e "farsaingeachd" a bu chòir a bhith air "Area". Ged 's e "Àrainn" a chuireas air "area" ann an cuid de shuidheachaidhean, 's e seo "area" ann an Matamataigs, agus mar sin dheth, 's e "farsaingeachd" as fheàrr. (Bhon fhaclair Gàidhlig Matamataig agam!)--Steaphan30 01:10, 1 September 2007 (UTC)

A chionn 's gum bu mhise a thug am fiosrachadh ceàrr dhuit an toiseach, tha mi air "farsaingeachd" a chur an àite "àrainn". Agus anns a h-uile baile a rinn thu fhèin, tha mi air na h-atharrachaidhean ceart a dhèanamh. Rinn mi seo gun sgrios a dhèanamh air an t-samhail agad idir! (Nach e sin an t-ìongantas!)--Steaphan30 02:00, 1 September 2007 (UTC)

Nach math a rinn thu! Airson mionaid bha eagal mòr orm gun do bhris an t-samhail sìos, ach rinn thu fior mhath. Tha thu a' fàs nas fheàrr agus nas fheàrr. Choimhead mi air an Colin Mark a-rithist agus tha mi a' dol leat gur e "fairsingeachd" am facal as feàrr. Tapadh leat airson an cheartachaidh a rinn thu anns a h-uile baile, 's e obair mhòr a th' ann.--Sionnach 07:53, 1 September 2007 (UTC)
Ach tha ceist eile a' nochdadh: Chunnaic mi gun do eadar-theangaich thu seal gu seala. Ach tha Angus Watson, Colin Mark agus SMO ag ràdh: seula. Dè do bheachd?--Sionnach 10:01, 1 September 2007 (UTC)

Ò, seadh. 'S e typo a rinn mi ann an sin. Feumaidh mi atharrachadh an ceartuair.--Steaphan30 01:09, 2 September 2007 (UTC)

Robert Koch

Rinn mi deasachadh air an aiste agad. Bha e inntinneach, agus thug e dhomh an cothrom faclan ùra ionnsachadh air leigheas agus saidheans! 'S dòcha gum bi ùidh agad ann an seo: [1] --Steaphan30 14:42, 3 September 2007 (UTC)

Rinn thu fior mhath! Bha mi ag obair air an aiste seo airson miosan, ach cha b' urrainn an ciall ceart a chur anns na rosgrannan. Mòran taing. Agus tha an ceangal glè innteannach, cha robh fhios agam gu bheil e ann.--Sionnach 22:12, 3 September 2007 (UTC)

Dùn Dèagh Aonaichte

Saoil am faod mi rudeigin iarraidh ort fhèin? Bu mhath leam rudeigin mar a th' air an duilleag Beurla [2] fo Current Squad (2007-2008) a chur air an duilleag Gàidhlig, ach chan eil fios agam ciamar. An b' urrainn dhuit cuideachadh a thoirt dhomh leis? --Steaphan30 14:57, 3 September 2007 (UTC)

Faodaidh, gu dearbh. Tha mi toilichte rudeigin a thoirt air ais dhut. Seall air an duilleag Dùn Dèagh Aonaichte, seo e. Rinn mi e cho math a b' urrainn dhomh, ach ma tha thu ag iarraidh an liosta ann an doigh eile, cuir fios thugam. 'S urrainn dhut am pios a chur gu àite eile cuideachd. Tha facal neo dhà anns a' Bheurla fhathast, ach tha mi cinnteach gum bi fios agad mu na faclan ceart anns a' Ghàidhlig.--Sionnach 22:00, 3 September 2007 (UTC)
Math dha-rìreabh, tha sin sgoinneal. Mar sin dheth, cha leig mi leas ach "copy is paste" a dhèanamh airson ga chur air duilleagan eile? Ceart?--Steaphan30 02:28, 4 September 2007 (UTC)
Ceart. Chan e samhail a th' ann mar a tha e anns an duilleag Bheurla.--Sionnach 06:05, 4 September 2007 (UTC)

Freagairt

Sgrìobh mi freagairt dhuit air an duilleag agam.--Steaphan30 02:36, 6 September 2007 (UTC)

Cruinn-eòlas

Bhiodh sin ceart gu leòr, mar a thuirt mi, dìreach cuir thugam na tha am beachd dhuit a dhèanamh, agus nì mi mo dhìcheall cuideachadh a thoirt dhuit.--Steaphan30 15:10, 9 September 2007 (UTC)

Clàr-innse

Saoil, ciamar a nìthear clàr-innse aig bàrr duilleig? Tha mi ag iarraidh clàr-innse a chur ris na h-aistean agam mar a bhios mi gan leudachadh. Mar eisimipleir, tha an aiste Iapan a' fàs beag air bheag, 's mar sin dheth, bu mhath leam clàr-innse a chur aig a bàrr.--Steaphan30 17:35, 10 September 2007 (UTC)

Bidh an clàr-innse a' nochdadh leis fhèin, ma bhios nas motha na trì tiotalan ann. Ach feumaidh ==tiotal== a bhith timcheall air an tiotal. (Dìreach cum ort ma tha thu a' dèanamh an dràsda)--Sionnach 17:45, 10 September 2007 (UTC)

An Òlaind

'S e ceist doirbh a th' ann an seo ach, chanainn-sa gur e Na Tìrean Ìsle as fheàrr, air sàilleabh 's gur e sin an t-ainm a th' oirre ann an Duitsis fhèin, nach e? Agus ann --Steaphan30 18:14, 15 September 2007 (UTC)am Beurla. Netherlands....--Steaphan30 02:48, 15 September 2007 (UTC)

'S e Duidseach a' Ghàidhlig air Dutch ach 's e sin an sluagh, nàiseantachd sa leithid. Tha thu a' dèanamh obair mhòr! --Steaphan30 18:14, 15 September 2007 (UTC)

Seoras Washington

Beir mi sùil air am bogsa-fiosrachaidh George Bush agus innsidh mi dhut, ach saolainn gum bhiodh e math. tpl. tearlach

Tpl airson a' bhogsa fhiosrachaidh. ct.


May you please translate this template and this article to Scottish Gaelic.

Hello! I'm sorry to write in English, but I need a translation of this template and this article to Scottish Gaelic. Can you make it to me, when you get free time, please? Thank you very much!

Look at your User page, I wrote the answer there.--Sionnach 06:49, 16 September 2007 (UTC)

Leasachadh is leudachadh

Ciamar a tha thu? Tha mi a' faicinn an obair mhòr a tha thu fhèin a' dèanamh, agus 's e seo dìreach brath beag a dh' innse dhuit gum bheil mi ann fhathast airson cuideachadh sam bith a thoirt dhuit leatha. Tha an obair aga m fhèin a' bualadh orm cho mòr nach eil tìde gu leòr mòran a sgrìobhadh idir, ach tha dùil 'am gum bi sin seachad uaireigin!--Steaphan30 14:43, 27 September 2007 (UTC)

Tha mi cho toilichte a bhith a' cluinntinn bhuat! Tha mi fhìn gu math, ach mar 's abhaist tha mi trang ag an obair agamsa cuideachd.
Uill, an dràsda tha mi a' smaoineachadh mu phròiseict eile. Ma bhios mi a' coimhead air na dùthchannan gun bocsa fiosrachaidh, saoilidh mi gun cruthaich mi Template ùr airson dùthchannan. Bidh e fada nas fhasa na h-aistean a leudachadh le samhail ceart. Mar sin dheth tha mi gu math taingeil gum bi thu deònach cuideachadh a thoirt dhomh (ma bhios uine agad). Tha mi cinnteach gum bi dhìth orm cuideachadh fhaighinn leis na faclan ceart 'sa Ghàidhlig. Cuiridh mi fios thugad, ma bhios mi deiseil leis a' chiad oidhirp.--Sionnach 23:12, 27 September 2007 (UTC)

An cleachdaidhear neònach

Dè tha dol leis an cleachdaidhear a tha ag atharrachadh cùisean an seo? Tha e a' dol a dhèanamh sgrios mòr.--Steaphan30 01:22, 30 September 2007 (UTC)

Tha fios agam. A-nise: Faic an seo:[3]. Sin esan am fear as cudthromaichte ann am Wikipedia na Gàidhlig. Ma thogras tu, sgrìobh loidhne eile an seo: user talk Derek Ross (Gàidhlig) agus an seo: user talk Derek Ross (Beurla). Ma tha tu a' dèanamh fo-sgrìobhadh anns an duilleag Bheurla, cuir sin ann cuideachd: [[:gd:User:Steaphan30|gd:Steaphan30]]. Bhiodh e nas fheàrr nach eil ach mi fhìn a tha a' gearan.--Sionnach 05:19, 30 September 2007 (UTC)
Mòran taing! Tha thu fada nas soilleire na mise. Is toil leam sin. --Sionnach 05:55, 30 September 2007 (UTC)

Samhail nan dùthchannan

'S fheàrr leamsa stèidheachadh seach cruthachadh, ach tha cruthachadh ceart gu leòr.
Dh'atharraich mi e.--Sionnach 13:10, 12 October 2007 (UTC)
Shaoil mi gun do chuala mi am facal "uachdaranas", ach nuair a dh' fheuch mi ri sireadh air, cha d' fhuair mi lorg air. 's dòcha gur e facal ùr a th' ann. Ann am faclair Mark agus Dwelly's, chan fhaigh thu ach uachdarachd, no uachdaranachd airson sovereignty. Rachainn fhìn le aon dhiubh sin, seach uachdaranas.

Bha mi smaointinn gum biodh Còd àireamh fòn na b' fheàrr na dìreach àireamh fòn . Dè do bharail?

'S e mion-chànan a' Ghàidhlig air "minority language", agus mholainn-sa cuideachd gun cuirear "Cànan(an) oifigeil", agus "Mion-chànan(an)" ann mar seo, air eagal 's gu bheil tuilleadh na aon!

'S e làn-thoradh dùthchail a th' air GDP anns a' Ghàidhlig, a-rèir Faclair na Pàrlamaid, agus gach pearsa a th' air per capita. Ach, thathas a' cleachdadh GDP mar ghiorrachadh.

'S e obair mhòr mhòr a tha thu air dhèanamh!--Steaphan30 10:36, 12 October 2007 (UTC)

Cha d' fhuair mi lorg air Uachdranas mar fhacal idir, ach tha uachdaranachd ann. 'S mar sin: seorsa-uachdaranachd ?--Steaphan30 10:41, 12 October 2007 (UTC)

Cliabh

Cliabh: Chi mi gu bheil sibh air cuir dealbh ris an aiste mu deidhinn "Cliabh", gu mi-fhortanach chan eil na soitheachan san dealbh idir coltach ri cliabh. Mar sin, bithidh mi a' toirt an dealbh as. Breagha ged s a tha e, is fhearr alt gun dealbh na dealbh breagha nach freagair ris a' chuise. Gabhaibh mo leisgeul!

Moran taing airson do theachdaireachd a Shionnach. Tha eisimplir neo dha de cliabh nan laighe 's a' bhathaich agam- cuiridh mi iad suas cho luath is a ghabhas mi cothrom INNLEADAIR
'S e ur bheatha. Bhiodh sin sgoinneil, nam biodh iad ann!--Sionnach 17:17, 14 October 2007 (UTC)