Kawagoe

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Kawagoe
Kawagoe in Saitama Prefecture.png
Suidheachadh
Dùthaich an t-Seapan
Ceàrn Kantō
Sgìre Saitama
Co-chomharran 35°55′30″ Tuath
139°29′09″ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 109.16 km² (42.1 sq mi)
Àireamh-shluaigh 332,846 (2006)
Dlùths 3,049/km² (7,896.9/sq mi)
Còd Àireamh fòn 81-(048/049)
Duilleag oifigeil Kawagoe

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Kawagoe (川越市) na cathair suidhichte beagan deas air meadhan Sgìre Saitama, an t-Seapan, san àirde an ear-thuath àrd-thìr Musashino; tha e mu 45 mionaidean air trèan à Shinjuku no à Ikebukuro ann an Tokyo. Tha e 16.27km a leud, agus 13.81km a dh’ fhaid.

Bhon 1mh Faoilleach, 2006, tha tuairmse àireamh an t-sluaigh aig 332,846 (130,436 teaghlaichean), agus dlùthas àireamh an t-sluaigh aig mu 3,049 daoine gach km² (cileameatair ceàrnagach).'S e 109.16 km² farsaingeachd iomlan a' bhaile.

Stèidhicheadh a’ chathair air 1 Dùbhlachd, 1922. B’ e a’ chiad cathair a bh’ ann san sgìre.

Dualchas agus Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Tokinokane.jpg

‘S e cathair a th’ air sònrachadh mar “cathair-eitean"(中核市) agus “cathair-eitean ghnìomhachais"(ja:業務核都市) a-rèir Riaghaltas Nàiseanta Seapain. Mun deach a cho-aonachadh ri Sgìre Saitama ann an 1873, b’e prìomh bhaile Sgìre Kawagoe a bh’ ann (1871), `s an uairsin Sgìre Iruma (1871-1873).

Tha muinntir a’ bhaile a’ toirt an ainm “Koedo” (小江戸), no “Edo Beag” air pàirt dhen t-seann bhaile. ‘S e sin seann ainm a bh’ air Tokyo uaireigin. Tha cuid de sràidean ann an Koedo a’ glèidheadh fhathast seana-bhaile a’ chaisteal (Caisteal Kawagoe a bh’ air a leigeil sna 1870an) bho linn fiùdalach Edo. Tha làraichean cudthromach a’ gabhail a-steach an tùr-cluig Tokinokane (時の金), mar a chìthear san dealbh air làimh dheis. Tha an tùr-cluig na shamhladh air Koedo agus bidh e a’ seirm trì uairean san latha. Tha làraichean cudthromaich eile ann mar na 500 ìomhaighean Rakan agus Teampall Kitain, far an cruinnich muinntir an àite gus fàilte na Bliadhn’ Ùir a chur air a chèile. Bidh cuid de dhaoine a’ feitheamh trì uairean a thìde ro mheadhan-oidhche, am bitheantas, aig an teampall air 31 Dùbhlachd.

Tha Kawagoe ainmeil airson na buntàta milis aige; air "Sràid Suiteas" a’ bhaile, Okashiyayokochou (お菓子屋横丁), gheibhear a leithid annasan mar sliseagan buntàta milis, omhan fuar a’ bhuntàta milis (sweet potato ice cream), cofaidh a’ bhuntàta milis, agus fiù ‘s leann a’ bhuntàta milis, a tha ga thogail aig taigh-grùide Koedo.

Fèillean[deasaich | deasaich an tùs]

'S iomadh fhèill a bhios a' tachairt aig diofar amannan tron bhliadhna ann an Kawago. Ach, tha aon fhèill shònraichte ann, Kawagoe Matsuri, a bhios a' tachairt uair sa bhliadhna, thairis air deireadh-sheachdain san Dàmhair. 'S e seo an fhèill as motha agus bidh na mìltean de dhaoine a' tighinn gus an tachartas a chomharrachadh.

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Stèisean Kawagoe
  • Prìomh Stèisean: Stèisean Kawagoe
  • Prìomh loighne Tobu Tojo:
    • Stèisean Kasumigaseki, Stèisean Kawagoeshi, Stèisean Kawagoe, Stèisean Shingashi

  • Loighne JR Kawagoe an Ear:
    • Stèisean Kasahata, Stèisean Matoba, Stèisean Nishi-Kawagoe, Stèisean Kawagoe, Stèisean Minami-Furuya

  • Loighne Seibu-Shinjuku:
    • Stèisean Hon-Kawagoe, Stèisean Minami-Otsuka

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]