Kawagoe Matsuri
Tha an fhèill Seapanach seo a’ buntainn do 1648, agus tha e a’ gabhail ri eileamaidean a thàinig às Fèillean Spioradail Sanno agus Kanda. Tha e air a comharrachadh mar phàirt de dhualchas prìseil slòigh na dùthcha bho chionn An Gearran, 2005. Tha an fhèill spioradail seo ceangailte ri Naomh-chobhan Hikawa, 's mar sin dheth, 's e Kawagoe Hikawa Matsuri (川越氷川祭)an t-ainm slàn a th’ oirre, a bhios air a cumail turas sa bhliadhna ann am Baile Kawagoe, an t-Seapan air an treasamh deireadh-sheachdainn dhen Dàmhair. 'S aithne dhi san farsaingeachd mar Kawagoe Matsuri (川越祭)agus 's i an fhèill as motha sa bhliadhna.
Mìneachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha matsuri na fhacal Seapanais airson 'fèill'. Tha na mìltean fèillean a' tachairt air feadh Seapain, cuid dhiubh beag agus cuid dhiubh mòr.
'S e am mealladh as motha aig an fhèill seo, a' liuthad charbadan òirnealta a bhios air an tarraing le buidhnean daoine (air a bheil Hikiko, 曳子), air feadh meadhan a' bhaile. Tha mu 30 charbadan-fèille (dashi, 山車) ann an Kawagoe, 's iad gu math sean. Tha pearsa doile na shuidhe air a' phàirt as àirde dhen charbad, agus tha an earrann seo a' stobadh a-mach air an earrann gu h-ìseal. Tha aon chuid sgàilean fosgailte (ranma, 欄間) no earrann-ùrlair far a bhios còmhlan-ciùil traidiseanta na shuidhe ann aig doras a' charbaid. Tha stoidhle a' chòmhlain-chiùil seo a' buntainn do dh'uachdranachd Tang anns an Sìn. 'S e sin gum faighear drumair, dithis chluicheadair tambairin, duiseal agus co-sheirmean, 's iad a' cluich fuinn a fhreagras dannsaichean phearsachan a th' air an sgeadachadh ann an culaidh-doile, no culaidh-leòmhainn no culaidh-mhuncaidh 's mar sin air adhart.
Feartan sònraichte na fèille
[deasaich | deasaich an tùs]'S e ainm gach carbad an t-ainm a th' air a' phearsa-doile a tha na bhroinn. Tha ainm air gach fear.
'S e feart suaicheanta a' charbaid-fèille gun gabh bràigh a' charbaid a chur mun chuairt, agus 's e sin am mealladh as làidire -tarraing agus cur mun chuairt nan carbadan. Nuair a bhios carbad-fèille a bhuineas dha aon roinn a' bhaile a' gabhail seachad air fear eile, air neo, a bhios a' dlùthachadh air a' phrìomh àite-coinneachaidh, thèid an cur mun chuairt air aghaidh a chèile agus cluichidh iad ceòl ris a chèile. B' ann air a shon sin fhèin a chaidh cruth nan carbadan a dhealbhadh.
Chan eil riaghailt sònraichte ann a rèiticheas cò bhuannaicheas no nach buannaich, ach tha seòrsa farpais ann eatarra, agus thèid buillean is ruitheam a' chiùil a bheòthachadh gu h-obann 's gu luath, fhad 's a bhios nan luchd-tarraing ri èigheachd is ri gairm-aighir. Mu dheireadh thall, gabhaidh aon charbad seachad air an fhear eile, ach uaireannan bidh tuilleadh air a dhà a th' air amais air a chèile, mar eisimpleir aig gobhal-rathad. Mar sin dheth, ma thachras sin, bidh aig cuid ri tionndadh agus a' tilleadh far an tàinig iad.