Deasbaireachd:Am Both Cheit
Cuir ris cuspairBu toigh leam an duilleag seo a ghluasad gu “Bathgate”. Chan eil mi a’ faighinn lorg air fianais sam bith airson “Both Cheit”. Chan eil e aig Ainmean-Àite na h-Alba, chan eil e aig Iain Mac an Tàilleir, chan eil e aig Scot-rail. Tha leabhar gu math earbsach aig John Garth Wilkinson ag aideachadh gur ann bhon Bhreatnais a tha e, cf. Cuimris Baedd coed, ‘coille nan torc’, agus dhearbhaidh Niall MacGriogair sin rium, a tha air cùrsaichean a theagasg mu ainmean-àite ann an Lodainn. --Caoimhin (an deasbaireachd) 16:42, 9 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
- Tha "Both Cheit" anns am fo-chorpas naidheachd ann an ARCOSG an seo bho ro 2001: http://datashare.is.ed.ac.uk/bitstream/handle/10283/2011/ns09.txt - 's docha chleachd Radio nan Gàidheal an aon tùs? --CreagNamBathais (an deasbaireachd) 20:59, 9 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
- Tha "Bathgate" ann an "Scottish Place Names" le David Ross (Birlinn 2001, d. 26). Tha ainmean Cuimris ann an siud agus tha iomradh mar "Bathchet" ann cuideachd. --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 05:58, 10 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
- Ceart gu leòr, ghluais mi an duilleag. Bheir mi sùil air a' mhapa aig Roy Pedersen a-rithist a-màireach, tha mi an dòchas gum bi barrachd fiosrachadh ann. Mòran taing airson nan tùsan inntinneach a lorg, chuir mi cuid dhiubh ris an aiste. @ Comhachag-bheag: Bhiodh e inntinneach cuideachd na tha David Ross ag ràdh mu eachdraidh an ainm a chur ris an aiste cuideachd. --Sionnach (an deasbaireachd) 20:52, 10 dhen t-Sultain 2016 (UTC)
Ainm Gàidhlig, litreachadh
[deasaich an tùs]Carson an deach an t-ainm Gàidhlig atharrachadh le Cleachdaiche:JSeke ? A bheil tùs ùr ann? Tha mi a' tuigsinn bhon seann deasbaireachd gu bheil tùs ann airson "Both Cheit" ged nach eil e aig AÀA neo IMT. Bhiodh e math mìneachadh agus tùs/clàradh fhaighinn. Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 08:37, 26 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Seadh, tha an aon fhreumh aig Cèit ann am Both Chèit 's ann an Dail Chèith 's Baile Chè(ith) cuideachd, agus bi mise gan ràdh uile le fuaimreag fhada mar seo. JSeke (an deasbaireachd) 17:20, 26 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)
- Chan e agus chan eil 'bidh mise ga ràdh mar sin' 'na fhianais dhligheach idir. Feumaidh tu rudeigin nas cruaidhe na sin mus dèan thu atharrachadh mar seo. Aig an ìre-sa, chan eil cruth Gàidhlig aig AAA, tha goirid aig Roy Pedersen agus chan fhaca mi tùs sam bith a tha ag ràdh gu bheil ceangal ri Keith/Cè. Akerbeltz (an deasbaireachd) 12:26, 28 dhen Dùbhlachd 2025 (UTC)