Deasbaireachd a' chleachdaiche:Caoimhin

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

A Chaoimhin, a charaid, chunnaic mi gu bheil thu a' teagasg coimpiutaireachd aig SMO. Uill, tha ceist agam. Air sgàths gu bheil an cuid as motha den "interface" an seo fhathast ann am Beurla, no ann an droch measgachadh eadar Gàidhlig is Beurla, bu toil leam sin atharrachadh. Tha fios agam ciamar as urrainn dhomh sin a dhèanamh (dòigh theicneolach), ach chan eil fios agam idir, idir mu na facail coimpiutaireachd ceart. Tha mi cinnteach gum bi barrachd fhios agad-sa. Saoil, am b’ urrainn dhut cuideachd a thoirt dhomh? Dìreach cuir fios thugam an seo no air an duilleag agam-sa. Beannachdan --Sionnach 13:42, 14 an Dùbhlachd 2008 (UTC)


A Shionnaich a charaid. Duilich nach fhaca mi seo roimhe. Bhithinn gu math math toilichte cuideachadh beagan ris an “eadar-aghaigh” eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Leig fios rium dè is urrainn dhomh a dhèanamh.

Le deagh dhùrachd --Caoimhín 22:40, 11 an Gearran 2009 (UTC)

Mòran taing, tha sin sgoinneil! Seo an eadar-aghaigh, ach tha e diònta. An-dràsta fhèin tha Steaphan30 is mi fhìn a’ toiseachadh air obair an seo. Ach is dòcha gu bheil facal coimpiutaireachd a' nochdadh nach eil sinn eòlach. An uair sin bhiodh e math cuideachadh fhaighinn leis an eadar-theangachadh. Cuiridh mi na ceistean air an duilleig seo.
Leis an dòchas gum bi sin ceart gu leòr dhut-sa, le deagh dhùrachdan --Sionnach 20:14, 12 an Gearran 2009 (UTC)

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tòrr obrach a dhìth air an eadar-theangachadh - chan e dìreach faclan coimpiutaireachd. Tha *tòrr* mhearachdan ann, agus rudan nach tuigeadh duine. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an t-adhbhar nach eil barrachd daoine aig a’ bheil fìor deagh Ghàidhlig a’ sgrìobhadh airson Wikipedia na Gàidhlig - ma tha fiù's an eadar-aghaidh làn de mhearachdan, dé'n feum a bhith a’ cosg ùine air? Tha e uabhasach cudthromach.

(Chan eil mi ag iarraidh bhith gearanach idir. Tha na daoine a chur Wikipedia na Gàidhlig air chois agus a rinn a’ chiad eadar-theangachadh airidh air moladh mór mór. ’S ann gu bheil Wikipedia na Gàidhlig a-nis cho cudthromach dhan chànan, dìreachd mar a tha Wikipedia air fàs cho cudthromach ann an saoghal na Beurla, agus mar sin gu bheil feum againn air eadar-theangachadh fìor mhath air an eadar-aghaidh.) --Caoimhín 23:53, 12 an Gearran 2009 (UTC)

Tha mi a’ dol leat, tha sin uabhasach cudthromach airson Wiki na Gàidhig agus a’ chànain fhèin. Ach gu mi-fhortanach 's e luchd ionnsachaidh a th’ annam agus chan eil mo chuid Gàidhlig math gu leòr idir, idir airson eadar-theangachadh den eadar-aghaidh a dhèanamh.
Uill, tha dòigh eile ann ciamar as urrainn dhut obair air an eadar-aghaidh. Thèidh gu translate wiki agus cruthaich cunntas air do shon. An dèidh latha neo dhà gheibh thu “Translator privileges“ agus an uair sin s’ urrainn dhut eadar-theangachadh a dhèanamh tron duilleig seo. Tha an duilleag seo a’ sealltainn a h-uile “messages” a bhios an neach-cleachdaidh abhaisteach a’ faicinn. Bhiodh e furasta, dìreach cuir na faclan Gàidhlig anns an àite far a bheil na faclan Beurla. Agus `s urrainn dhut na mearachdan a cheartachadh cuideachd. Cò-dhiù, bhiodh e fada nas fheàrr an eadar-theangachadh a dhèanamh anns an "Translate Wiki", air sgàths gum b’ urrainn a h-uile duine air feadh an saoghail an eadar-aghaidh a cheachdadh an uair sin.
Dè do bheachd? Dùrachdan --Sionnach 19:53, 13 an Gearran 2009 (UTC)

Móran taing gu dearbh airson na comhairle sin a Shionnaich. Tha mi air sin a dhèanamh. Fuirichidh mi beagan làithean agus chì sin.

Tha mi cinnteach gu bheil thu math gu leòr airson eadar-theangachaidhean a dhèanamh. Ach bhiodh na h-eadar-theangachaidhean agad feumach air an ceartachadh. Bhiodh agus an fheadhainn agam fhìn. Agus uaireannan chan eil e gu leòr deagh eòlas a bhith agad air a’ Ghàidhlig. Feumaidh deagh eòlas a bhith agad air a’ chuspair - air an dòigh a tha Wikipedia ag obair - agus chan eil mi ro mhath air sin fhathast.

Le deagh dhùrachd --Caoimhín 23:06, 13 an Gearran 2009 (UTC)

Uill, 's e sin ciamar a tha Wikipedia ag obrachadh. Tha deagh eòlas agad air coimpiutaireachd is a' Ghàidhlig agus tha eòlas agam mun dòigh Wikipedia. Leis an dà rud ri chèile tha mi an dòchas gum bi e ag obrachadh. Cò-dhiù, chunnaic mi an cunntas agad anns an "Translate Wiki" agus chur mi naidheachd gu fear eile airson na "translator rights". Chì sinn an uair sin. Dùrachdan --Sionnach 09:33, 14 an Gearran 2009 (UTC)

Ceist eile[deasaich an tùs]

A bheil fios agad dè an t-ainm a tha ceart airson Sleat: Slèite neo Sleite neo Sléite? Tha dà aiste ann an seo agus bu toil leam an cuir ri chèile fon ainm ceart. B' fheàrr leam fhìn Slèite [1] ach chan eil mi cinnteach, an e sin an t-ainm ceart a th' ann. Dùrachdan --Sionnach 09:33, 14 an Gearran 2009 (UTC)

Tha “Sleite” (gun sràc) ceàrr uile gu léir, oir is e /eː/ fada am fuaim a th’ ann. Eadar “Sléite” agus “Slèite”, tha e a’ crochadh air, a bheil thu a’ cumail ri “GOC” (Gaelic Orthographic Conventions) gus nach eil. Suas gu ruige 1981 b’ e “Sléite” an litreachadh a bha stéidhte. Bha ‘é’ anns an litreachadh airson /eː/ agus bha ‘è’ ann airson /ɛː/; bha ‘ó’ anns an litreachadh airson /oː/ agus bha ‘ò’ ann airson /ɔː/. Mar sin: có, cóig, mór, ach òran, bòrd, còta; agus dé,céilidh, Sléite, ach nèamh, fèath, mèirle. Chuir GOC às don sràc gheur, agus tha a chuid as motha de dhaoine air gabhail ris mean air mhean bhon uair sin (oir tha e nas fhasa ri sgrìobhadh). Ach tha mise a’ smaoineachadh gur e mearachd mhór a bh’ ann. Faic: en:Scottish Gaelic alphabet.
Bu chòir an dà aiste a chur còmhla co-dhiù, fo ‘Sléite’ no fo ‘Slèite’ a réir do thoil, agus ath-threòireachadh (redirection) a chur ann bhon dà ainm eile. --Caoimhin 23:43, 14 an Gearran 2009 (UTC)
Chuir mi iad ann fo 'Slèite' agus chuir mi pios beag air bharrachd ris an aiste leis an dòchas gum bi e nas soilleire a-nis.
Tha fios agam mu GOC agus na h-atharrachaidhean a rinn iad. Mar is trice bidh mi fhìn a' leantainn na riaghailtean aca an seo, is dòcha gu bheil iad dìreach rud beag nas oifigeile anns na làithean an-diugh, (chuala mi sin cò-dhiù). Mo bheachdsan phearsanta mu GOC... chan eil mi a' sgrìobhadh sin sios an seo, 's e cuspair eile a th' ann :-). Dùrachdan--Sionnach 19:32, 15 an Gearran 2009 (UTC)

Stafa[deasaich an tùs]

Mòran taing airson a' cheartachaidh a rinn thu! Durachdan --Sionnach 22:16, 4 am Màrt 2009 (UTC) PS. Ma bhios ceist/trioblaid sam bith agad mun "translate wiki", dìreach cuir fios thugam.

České Budějovice[deasaich an tùs]

Halò, tha mi ag iarraidh taing a thoirt dhut airson na leasachaidhen a rinn thu dhan aiste. Tha mi dìreach "gd-1" fhathast, ach tha mi gu slaodach a' gluasad chun "gd-2" (tha mi 'n dòchas co-dhiù ;-)) agus tha mi glè bhuidheach airson a h-uile leasachadh do na h-aistean "agam" le duine sam bith - tha mi ag ionnsachadh bhuapasan seo cuideachd! Le beannachd, --Duncan 18:47, 13 An Cèitean 2009 (UTC)

Check request for Şalom.[deasaich an tùs]

Could you check the article Şalom. There is already an article about Şalom, a Jewish weekly newspaper in Turkey, in Gaelic, but could you check it and if necessary translate it from the other Wikipedia language sites, if you have the time and patience to do so. The reason is that the newspaper Şalom is written (alas one page only) in a highly endangered language called Ladino or Judeo-Spanish, the Spanish of the 15th century. Perhaps this might gain your interest and sympathy.

Thank you.

Name change[deasaich an tùs]

A Chaoimhin, a charaid, We would like to invite all contributors to take part in the debate to find an appropriate Gaelic form for Wikipedia that doesn't break any rules regarding phonology, intellegibility or forming good neologism. We'd like to invite views/votes from all users here as we'd like to get broad consensus. The debate is here: Name change and - since it involves quite a few technical issues - in English. Le dùrachdan --Sionnach 20:21, 23 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC)

Skype[deasaich an tùs]

Tha mi ann, feuch fòn a chur thugam --Sionnach (talk) 18:38, 27 dhen t-Samhain 2013 (UTC)

sguabadh às...[deasaich an tùs]

A Chaoimhin chòir, airson duilleag a sguabadh às, cuir {{delete}} rithe agus is dòcha an adhbhar airson sin.--Sionnach (talk) 15:43, 14 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)

PS: Taing mhòr airson a' cheangail a thaobh ainmean Gàidhlig!

Taing a Shionnaich --Caoimhin (talk) 17:04, 14 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)

Teamplaid[deasaich an tùs]

{{obair}}

bàird Ghàidhlig[deasaich an tùs]

Bidh e nas fheàrr an deasbad a' dèanamh an seo: Deasbaireachd na roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig--Sionnach (talk) 20:03, 27 dhen Chèitean 2014 (UTC)

Seo a-nis: [2].Chuir mi roinn-seòrsa ùr air dòigh: Roinn-seòrsa:Bàird air a bheil ainm air nòs Gàidhealach airson òrdugh a rèir ciad ainmean/ far ainmean. Bidh an seann Roinn-seòrsa:Bàird Ghàidhlig ann airson òrdugh a rèir sloinneadh. Air sgàth 's nach eil mi cho eòlach air na bàird Gàidhlig, bhiodh e math, ma chuireas tu no Eimhir na h-ainmean ris an roinn-seòrsa ùr cuideachd. Dùrachdan --Sionnach (talk) 22:15, 23 dhen Ògmhios 2014 (UTC)
PS: Duilich, ach cha bhiodh rudeigin goirid mar Bàird Ghàidhlig (ca) freagarrach don leughadair idir.

Dùn Sgàthaich[deasaich an tùs]

Is toil leam an aiste agus dealbhan "Dùn Sgàthaich". Chuir mi mapa a' shuidheachadh ris an aiste. Bheir sùil air litreachadh a' ghlacaidh. --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 08:19, 19 dhen Fhaoilleach 2015 (UTC)

Ceòladair agus eile[deasaich an tùs]

Thanks for commenting on our Teamplaid:Ceòladair. We constructed it according to the Teamplaid:Duine ainmeil which has "Rugadh" and "Bàs". If "Breith" is more suitable I can change it of course. Is toil leam "Tùs-Ghearmaineach", ach chan eil mi cinnteach mu ainmean air cànanan. 'S e "Proto G." anns na cànanan Ròmanach. Anns a' Bhreatannais "proto G." cuideachd agus "próta-..." ann an Gàidhlig na h-Èireann (ach chan eil mi eòlach dad sam bith air na cànanan seo). Is dòcha "Proto-Ghearmaineach" ?. Lorg mi an lide Greugais "proto", m.e. "proto-sheòrsa". --Comhachag-bheag (an deasbaireachd) 21:55, 15 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Dh’athrachainn Teamplaid:Duine ainmeil cuideachd. Chan eilear ga cleachdadh fhathast ach sa duilleig Ernst_Rowohlt, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an “Rugadh ... Bàs” car neònach an sin cuideachd.
Seadh. Chan eil mi cinnteach dé as fheàrr airson “Proto-” anns na ainmean cànain - no airson “Primitive” ann an “Primitive Irish”. Ach chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil “Prìomh-” freagarrach, oir tha sin a’ ciallachadh “as cudromaiche”. Gheibhear cuid mhór de dh’ fhaclan a’ tòiseachadh le “tùs-” anns an Stòr-dàta Briathrachais - mar eisimpleir: tùs-abairt, tùs-ainm, tùs-àite, tùs-imeachd, tùs-litir, tùs-mhuinntir, tùs-samhail, tùs-thaisbeanadh. Agus tha grunnan aig Dwelly. Ach chan eil mi cinnteach an e “Tùs-” as fheàrr airson “Proto-”.
--Caoimhin (an deasbaireachd) 22:23, 15 dhen Ghearrain 2015 (UTC)

Translation[deasaich an tùs]

Fastyr mie! Can you translate for me the content from the "Translation" section from my userpage to Irish, Scottish and Manx Gaelic languages? You can leave the translation on my talkpage. -XQV- (an deasbaireachd) 18:51, 9 dhen Ghearrain 2016 (UTC)

What about Irish and Manx? And can you also tell me "Auto-refresh/Automatic actualisation", "Inactive (user)" and "May the Force be with you!" in those 3 languages? -XQV- (an deasbaireachd) 19:31, 9 dhen Ghearrain 2016 (UTC)
Hey, can you finish that? -XQV- (an deasbaireachd) 11:21, 11 dhen Ghearrain 2016 (UTC)

A favor: en:Radio Studio 54 Network into Scottish Gaelic, Manx and improved in Irish[deasaich an tùs]

Good morning from Calabria, I'm writing to say hello and know how you are. Beyond this to ask you a small but important favor, to translate into these languages that are familiar with the of a local radio station page very well known outside thanks to Calabrian diaspora in the world. Just and no more than 10 minutes of your precious time, I in return you translate an article of your interest in Italian, Sicilian and Neapolitan, my mother tongues. I can start with Anna Latharna NicGillÌosa if you like. For me it would be an honor to work with you. a warm greeting from Calabria.--Luigi Salvatore Vadacchino (an deasbaireachd) 06:13, 1 dhen Dàmhair 2016 (UTC)

Fèin-ghluasadach ùrachaidh[deasaich an tùs]

Fastyr mie! Could you please tell me the phrase Fèin-ghluasadach ùrachaidh (Automatic refresh, Athnuachan uathoibríoch, Actualisation automatique, Automatische Aktualisierung) to Manx language (Gaelg)? Thanks for your time! :) -XQV- (an deasbaireachd) 16:46, 22 dhen Dàmhair 2016 (UTC)

“ooraghey seyr-obbragh”, is very likely to be right. I only got it by judicious use of Manx dictionaries, though, so if you want to be sure of finding the best phrase, it would be worth asking on gv.wikipedia.org.
“fèin-ghluasadach ùrachaidh” doesnʼt look good to me, though. I expect it shoould be “ùrachadh fèin-ghluasadach”. --Caoimhin (an deasbaireachd) 14:38, 26 dhen Dàmhair 2016 (UTC)
Thanks! :) -XQV- (an deasbaireachd) 16:19, 26 dhen Dàmhair 2016 (UTC)

Cànain chruthaichte/cànain fuadain 7c[deasaich an tùs]

A Chaomhinn a charaid, taing airson fàilte a chur orm gu Uicipeid! Tha e a' còrdadh rium gu mòr! Tha mi gu math ùr dhan chùis is mar sin, deagh sheansa gun dèan mi mearachd no dhà an tòiseach. A thaobh roinnean-seòrsa airson "created languages", chan eil beachd làidir sam bith agam. Is dòcha gu bheil "cànain chruthaichte" nas fheàrr na "cànain fuadain" oir tha a' bhriathrachas air atharrachadh sa Bheura bho "artificial languages" gu "created languages" ach leis an fhìrinn innse, chan eil beachd làidir sam bith agam air a' chùis - cho fad's a bhios na roinnean-seòrsa cunbhalach. --Am broc (an deasbaireachd) 20:20, 16 dhen Mhàrt 2017 (UTC)

Taing airson na freagairt. Tha mi air na trì, Esperanto, Lingua Franca Nova, agus Volapük a chur còmhla sa roinn-seòrsa Cànain chruthaichte. Tha mi fhìn a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm sin beagan nas fhearr na “Cànain fuadain”. --Caoimhin (an deasbaireachd) 22:54, 16 dhen Mhàrt 2017 (UTC)

You are invited![deasaich an tùs]

Celtic Knot Wiki Conference - logo.png
You are invited...
Wikimedia-logo.svg

The Celtic Knot: Wikipedia Language Conference - Programme now live.

  • Hosts: The University of Edinburgh and w:Wikimedia UK
  • Supporting: Celtic & Indigenous Languages.
  • Objective: The main objective for Celtic Knot 2017 is the coming together of practitioners in the same room at same time; strengthening the bonds of those working to support language communities into a 'knot' and leading into action. Attendees can expect to learn about and discuss innovative approaches to open education, open knowledge and open data that support and grow language communities.
  • Date: 6 July 2017 - Booking is now open.

Stinglehammer (an deasbaireachd) 23:50, 16 dhen Chèitean 2017 (UTC)

Pàrlamaid na h-Alba[deasaich an tùs]

A Chaoimhin, a chara,

Gabh mo leithscéal as gar a iarraidh ort ar dhóigh chomh dána seo, ach tá gar á iarraidh agam! Bhí mé ag aistriú an leathanaigh Pàrlamaid na h-Alba as Gàidhlig go Gaeilge, agus thug mé faoi deara go bhfuil sé scríofa san alt go dtiocfaidh cumhachtaí nua isteach do Pharlaimint na hAlban 'sa bhliain 2017'. Ba mhian liomsa cur cothrom le dáta a chur air, ach go neamhshona níl ach an-bheagán Gaeilge na Alban agamsa. Thug mé faoi deara go bhfuil méid mór oibre déanta agatsa ar an alt seo; mar sin, shocraigh mé a iarraidh ortsa cur cothrom le dáta a dhéanamh air, dá mba mhian leatsa agus dá mbeadh an t-am agatsa. Ar ndóigh, tuigim mura bhfuil; Vicipéideor an-ghnóthach is ea thú, tá mé cinnte! Go raibh míle míle agatsa ... agus mo chuid leithscéalta as nach bhfuil mé ag scríobh as Gaeilge na hAlban féin (lá éigin foghlaimeoidh mé, b'fhéidir... :) )!

Le buíochas, --AdamLibh (an deasbaireachd) 22:21, 9 dhen Chèitean 2019 (UTC)

Go raibh míle maith agat! Rinne mé an leasú beag sin a mhol tú. Molaim go mór an saothar atá déanta agat féin. Is fiú go mór é.
--Caoimhin (an deasbaireachd) 14:18, 14 dhen Chèitean 2019 (UTC)