Creag a' Mhàim
Coltas
Creag a' Mhàim | |
---|---|
Creag a' Mhàim bhon ear-dheas | |
Àirde (m) | 947 |
Àirde (tr) | 3,106 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Cinn Tàile |
Sreath bheanntan | Druim Deas Ghleann Seile |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH08790778 |
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Creag a' Mhàim. Tha e 947m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile. 'S e a' bheinn as fhaide dhan ear air druim deis Gleann Seile a th' ann.
Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 bho thaigh-òsta Chluanaidh. Bidh cuid ga cheangal le Aonach air Chrith agus Maol Chinn-Dearg agus a' cromadh air Druim Coire nan Eirechanach, air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.