Loch Cuaich
Co-chomharran: 57°03′49″N 5°17′14″W / 57.063600°N 5.287200°W
Loch Cuaich | |
---|---|
Sealladh air Loch Cuaich | |
Bàrr uisge (m os cionn na mara) | 203 m |
Fad (m) | 9.5 km |
Às-sruth | Gearr Garry |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Loch Abar |
Comharradh-clèithe | NH007017 |
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Cuaich neo Loch Chuaich[1], (Beurla: Loch Quoich). Tha e suidhichte ear air Cnòideart anns a' Ghàidhealtachd agus 3 km (2 mhìle) san iar air ceann Loch Garadh.
An loch
[deasaich | deasaich an tùs]'S e farsaingeachd an locha 1746.2 ha (4315 acair). 'S e 58.4 km (36.3 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 9.5 km am faid san àite as dìriche[2]. Tha bàrr uisge an locha mu 203 m (666 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 7.7 km (4.8 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha 12 eileanan anns an loch seo. Tha am fear as motha ris an canar Rubha Dubh nam Fiadh aig ceann an ear an locha.
Thèid an loch a lìonadh san iar le Abhainn Chòsaidh, Allt Coire nan Gall agus Allt a' Choire Bhuidhe agus tha Allt a' Mheil agus Allt Coire Peitireach a' sruthadh a-steach do Loch Cuaich bhon tuath. Bhon deas tha Allt a' Mhangair agus Allt na h-Airidh a' lìonadh an loch seo. A bharrachd air sin tha torr altan beaga eile ann.
'S e loch-tasgaidh a th' ann an-diugh. Air sgàth gu bheil an dòrtadh-uisge an seo nas motha na ceithir tursan na a tha e ann an taobh an ear na h-Alba bhathar dhen bheachd gun robh an àite seo freagarrachd airson a' phròiseict Neart nan Gleann. Chaidh dama a thogail ann ceann an ear an locha. 'S e sin an dama as motha ann an Alba a chaidh a thogail le a bhith a' càrnadh chlachan (Beurla: rockfill dam). Tha e 320m (1049 troigh) a' dh'fhad, 90m (295 troigh) air leud aig a chois agus 38m (124 troigh) a dh'àird.[3]. Tha an t-uisge a' sruthadh tro Ghearr Garry agus tro thunail chun an stèisean-cumhachd Quoich Power Station. Gheibhear mu 18 megawatt, agus mu 87 millean kWh sa mheadhan gach bliadhna a-mach às an stèisean-cumhachd seo[3]. Tha e na phàirt den Garry-Moriston Hydro-Electric Power Scheme, ris an canar Great Glen Hydro-Electric Power Scheme cuideachd. Bha am pròiseact uile gu lèir deiseil ann an 1962.[4]
Tha torr beanntan timcheall air Loch Cuaich. Tha Gleouraich agus Spidean Mialach suidhichte air taobh tuath an locha, agus tha Gairich agus Sgùrr Mòr air taobh dheas Loch Cuaich. Tha Sgùrr na Cìche na laighe eadar Loch Cuaich is ceann Loch Nibheis.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stòr-dàta Briathrachais
- ↑ Fiosrachadh aig British Lakes
- ↑ 3.0 3.1 Neart nan Gleann[dead link] tdd 14-15 (Beurla)
- ↑ Great Glen Hydro-Electric Power Scheme aig Gazetteer for Scotland (Beurla)
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Slighe coiseachd air bruach an locha
-
Sealladh air Loch Cuaich
-
Dama Loch Cuaich
-
Stèisean-cumhachd Loch Cuaich
-
Rubha Dubh nam Fiadh