Spidean Mialach
Coltas
Spidean Mialach | |
---|---|
Spidean Mialach | |
Àirde (m) | 996 |
Àirde (tr) | 3,267 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Loch Cuaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH06580429 |
’S e beinn ann an Gleann Cuaich air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Spidean Mialach[1]. Tha e 996m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cuaich agus Gleann Seile.
Tha an t-ainm a' toirt iomradh air mialan, is dòcha mialan-chaorach, air neo dh'fhaodadh e tighinn bho sheann chiall an fhacail, a bha a' ciallachadh beathach sam bith.[2].
Gheibhear dhan mhullach bhon rathad eadar Inbhir Garadh agus Ceann Loch Shubhairne bho thaobh an locha. Dh'fhaodadh a cheangal le Gleouraich a tha dìreach 3km san ear dheth.[3].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Cuaich beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ordnance Survey Landranger 33
- ↑ Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 171
- ↑ Spidean Mialach air Walkhighlands