Aonach air Chrith
Coltas
| Aonach air Chrith | |
|---|---|
Aonach air Chrith | |
| Àirde (m) | 1,021 |
| Àirde (tr) | 3,349 |
| air liosta | Beinn Rothaich |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Cinn Tàile |
| Sreath bheanntan | Druim Deas Ghleann Seile |
| Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
| Comharradh-clèithe | NH05100834 |
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Aonach air Chrith. Tha e 1,021m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile.
Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 bho thaigh-òsta Chluanaidh. Bidh cuid ga cheangal le Creag a' Mhàim agus Maol Chinn-Dearg agus a' cromadh air Druim Coire nan Eirechanach, air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.