Christopher Longuet-Higgins
Christopher Longuet-Higgins | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Kent (en) , 11 dhen Ghiblean 1923 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | 27 dhen Mhàrt 2004 |
Foghlam | |
Foghlam |
Colaiste Balliol Colaiste Winchester Oilthigh Oxford |
Stiùiriche an teusais | Charles Coulson (en) |
Oileanaich dotaireachd |
Peter Higgs Geoffrey Hinton Mark Steedman (en) Mark Child (en) David Willshaw (en) Graeme Ritchie (en) Philip Bunker (en) Richard Power (en) John Norman Murrell (en) Geoffrey Chester (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | theoretical chemist (en) agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean |
Wolfson College (en) Colaiste an Rìgh ann an Lunnainn Oilthigh Sussex Oilthigh Dhùn Èideann |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Acadamh Eadar-nàiseanta Saidheans nam Moileciuilean Quantum Comann Rìoghail Dhùn Èideann Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans |
B' e ceimigear agus luchd-saidheans cognatach à Sasainn a bha ann an Christopher Longuet-Higgins.
Rugadh e ann an Lenham, Kent ann an 1923 agus bha e na sgoilear agus na bhall a' chòisire-ciùil aig Colaiste Winchester aig an aon àm ri Freeman Dyson, James Lighthill (a bhiodh cudromach ann an eachdraidh tuigse inntealta) agus a bhràthair Michael Longuet-Higgins.[1] Chaochail e ann an 2004.[2]
Ceimigeachd
[deasaich | deasaich an tùs]Nuair a bha e na fho-cheumnaiche ann an Oilthigh Oxford, dhearbhaich e an structar dà-bhòrain agus lorg siostam ùr thathaidh cheimigeach còmhla ri an oide aige, Ronnie Bell.[3] Sgrìobh e an tràchdas aige, Some problems in theoretical chemistry by the method of molecular orbitals an sin fo Charles Coulson.[4] An dèidh do bhliadhna ann an Chicago chaidh e na ollamh ann an Colaiste an Rìgh, Lunnainn ann an 1952 agus Oilthigh Chambridge ann an 1954.
Saidheans cognatach agus ceòl
[deasaich | deasaich an tùs]Stèidhich e an roinn tuigse inntealta ann an Oilthigh Dhùn Èideann còmhla ri Dòmhnall Michie agus Richard Gregory ann an 1967 agus dh'imrich e dhan Oilthigh Shussex ann an 1974 an dèidh an aithris Lighthill. Bha ùidh mhòr aige ann an ceòl agus thug e dealbh air binneas agus co-chèol len spàs tònail aige far a bheil nòta faisg air na nòtaichean còigeach agus treasach a-mach ach nas fhaide o na nàbhaidhean air a' phiàna.
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich e Duais Cuimhneachan Harrison on Chomainn Cheimigeach (a-nise Comann Rìoghail na Cheimigeachd) ann an 1950.[5] Chaidh an Duais Longuet-Higgins, a thoirear airson pàipearan ann an lèirsinn coimpiutair, ainmicheadh air.[6]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “HUGH CHRISTOPHER LONGUET-HIGGINS” (Beurla). Oilthigh Dhùn Èideann. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2016.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Gregory, Richard L. ⁊ Murrell, John L. (2006): “Hugh Christopher Longuet–Higgins. 11 April 1923 — 27 March 2004,” ann an: Biogr. Mems. Fell. R. Soc., leabhar 52, td. 149. doi:10.1098/rsbm.2006.0012.
- ↑ Steedman, Mark (2005): “OBITUARY: Christopher Longuet-Higgins” (Beurla), ann an: Society for the Study of Artificial Intelligence and Simulation of Behaviour (Foills.): AISB Quarterly, àir. 119. Air a thasglannadh [o http://www.aisb.org.uk/publications/aisbq/AISBQ119.pdf] 10mh dhen Chèitean 2017. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Longuet-Higgins, H. C. ⁊ Bell, R. P. (1943): “64. The structure of the boron hydrides,” ann an: J. Chem. Soc., td. 250-255. doi:10.1039/JR9430000250.
- ↑ Longuet-Higgins, H.C. (1947): “Some problems in theoretical chemistry by the method of molecular orbitals”. Oilthigh Oxford. Air a thogail 5mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Harrison-Meldola Award Previous Winners” (Beurla). Comann Rìoghail na Cheimigeachd. Air a thogail 5mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Longuet-Higgins prize” (Beurla). IEEE Computer Society. Air a thogail 10mh dhen Mhàrt 2016.