Tuigse inntealta

'S e tuigse ann an innealan an àite ann am beathaichean a tha ann an tuigse inntealta.
Mar eisimpleir, tha algairimean as urrainn dhaibh tàileasg is Go a chluicheadh, beathaichean ann an dealbhan aithnicheadh is teacsaichean eadar-theangachadh.
Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]
Sgrìobh Alan Turing "Computing Machinery and Intelligence" ann an 1950, anns an do mhol e an Deuchainn Turing. Bha geama Bhictòrianach ann far nach do rinn na cluicheadairean conaltradh ach tro nòtaichean sgrìobhte. Dh'fheum na cluicheadairean tuairmse a dèanamh am b' e boireannach no fireannach a bha anns na cluicheadairean eile. Nam b' urrainn do choimpiutair an geama seo a chluicheadh, carson nam biodh e tuigseach?[1]
Ann an 1963 stèidhich Dòmhnall Michie buidhean rannsachaidh ann an tuigse inntealta aig Oilthigh Dhùn Èideann. Thàinig Richard Gregory is Christopher Longuet-Higgins ann an 1966 is chaidh Roinn Tuigse Inntealta is Lèirsinn a stèidhicheadh. Chaidh an roinn a roinn an dèidh do dh'Aithris Lighthill anns na 1970an.[2]
Tha modalan-cànain fasanta aig an àm seo ach tha Timnit Gebru is Emily Bender an dubh-chàineadh air sgàth 's gu bheil iad daor, gu bheil am pròiseas trèanaidh a' milleadh an àrainneachd is gu bheil na modalan ag ath-riochdachadh claonaidhean ann an dàta an trèanaidh.[3]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Oppy, Graham, ⁊ Dowe, David: “The Turing Test”. Stanford Encyclopedia of Philosophy (Winter 2021 Edition). Oilthigh Stanford.
- ↑ Howe, Jim (2007): “Artificial Intelligence at Edinburgh University : a Perspective”. Oilthigh Dhùn Èideann. Air a thogail 9mh dhen Chèitean 2022.
- ↑ Bender, Emily E., Gebru, Timnit, McMillan-Major, Angelina ⁊ Shmitchell, Shmargaret (Am Màrt 2021): “On the Dangers of Stochastic Parrots: Can Language Models Be Too Big? 🦜,” ann an: FAccT '21: Proceedings of the 2021 ACM Conference on Fairness, Accountability, and Transparency, td. 610–623. Air a thogail 9mh dhen Chèitean 2022.