Freeman Dyson

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Freeman Dyson
Freeman Dyson.jpg
Beatha
Breith Crowthorne, 15 dhen Dùbhlachd 1923
Dùthaich an Rìoghachd Aonaichte
 Na Stàitean Aonaichte  (1957 -
Àite-fuirich Na Stàitean Aonaichte
Cinneadh Sasannaich
Bàs Princeton (en) Translate, 28 dhen Ghearran 2020
Nàdar a’ bhàis  (fall (en) Translate)
Teaghlach
Athair George Dyson
Cèile Verena Huber-Dyson (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chambridge
Colaiste Winchester
Oilthigh Cornell
Colaiste na Trianaide
Àrd-fhoghlam ceum dotaireachd
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd matamataigear, fiosaigiche teòirigeach, fiosaigiche niùclasach, ollamh agus fiosaigiche
Fastaichean Oilthigh Princeton
Oilthigh Duke
Oilthigh Bhirmingham
Obraichean comharraichte Dyson sphere (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh Richard Feynman
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Acadamh nan Lincei
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd
Comann Aimeireaganach an Eòlais-fhiosaig
IMDb nm0246032
www.sns.ias.edu/dyson

B' e fiosaigiche à Sasainn a bha ann am Freeman Dyson.

Bha e ainmeil airson na h-obrach aige còmhla ri Hans Bethe agus Richard Feynman air eileagtro-dinimigeachd, agus airson an co-chruinnean Dyson, bun-bheachd airson sìobhaltasan glè adhartach as urrainn dhaibh a h-uile solas a tha dol à rionnag a ghlac is fèill mhòr orra ann am ficsean saidheansail. Bha uidh mòr cuideachd aige ann an creideamh agus thug e an Òraid Gifford ann an 1985.[1]

Rugadh e ann an Crowthorne 15 an Dùbhlachd 1923 is b' e an co-ghleusaiche George Dyson a bha ann an athair. Bha e na sgoilear aig Colaiste Winchester aig an aon àm ri Christopher Longuet-Higgins, a bhràthair Michael Longuet-Higgins agus James Lighthill.[2] Chaidh e gu Oilthigh Chambridge nuair nach robh e ach 17 bliadhna a dh'aois ach bhris an cogadh agus obair le Feachd Rìoghail an Adhair a-steach air a fhoghlam ann am matamataig. Mhair e aig Oilthigh Chambridge gu ruige 1947 nuair a chaidh e gu Oilthigh Cornell agus an sin dh'obair e aig an Institute for Advanced Study ann am Princeton, Jersey Nuadh fad a bheatha seach dà bhliadhna aig Oilthigh Bhirmingham. Cha do chuir e crìoch air a thràchdas. Ann am Princeton dh'obair e air eileagtro-dinimigeachd agus pròiseactan eile mar Pròiseact an t-Sealgair, plana airson luing-fhànais a chleachdadh cumhachd bho bhomaichean niùclasach. Bha e cuideachd an sàs ann an sgrìobhadh leabhraichean saidheansail airson a' mhòr-shluaigh.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. 1985 Lecturer Freeman J. Dyson Passes Away at 96”, The Gifford Lectures. 2na dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2020. 
  2. Gregory, Richard L. ⁊ Murrell, John N. (1d dhen Dùbhlachd 2006): “Hugh Christopher Longuet–Higgins. 11 April 1923 — 27 March 2004,” ann an: Biogr. Mems. Fell. R. Soc., leabhar 52, td. 149–166. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2020.
  3. Johnson, Hamish: “Freeman Dyson: unorthodox to the end”, Physics World. 27mh dhen Mhàrt 2020. Air a thogail 5mh dhen Iuchar 2020.