Chernivtsi
Chernivitsi Чернівці́
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Chernivetska Oblast | ||||
Sgìre | Chernivtskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 18 00' Tuath 25° 56 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 153 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 267,060 (2021) | ||||
Dlùths | 1,745.49/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 372 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Chişinău agus Ivano-Frankivsk anns An Ucràin a th' ann an Chernivitsi (Ucràinis: Чернівці́, Romàinis: Cernăuți, Iùdais: טשערנאוויץ, IPA: t͡ʃerɲiu̯ˈt͡sʲi). Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Prut, faisg air na crìochan le Romàinia agus Moldàibhia, san roinn Chernivetska Oblast. Tha 267,060 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1408. Bhuinneadh e do Shluagh-phoblachd na h-Ucràine an Iar bhon t-Samhain 1918 gu ruige A' Cèitein 1919. Ann an 1991, thàinig Chernivitsi gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Chernivitsi a' bruidhinn (66.5%), ged a tha mion-chuidean ann le Ruisis (17.8%) agus Romàinis (7.5%) cuideachd.[1]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Friedrich Zelnik (1885 - 1950): Cleasaiche.
- Moysey Fishbein (1946 - 2020). Bàrd.
- Arseniy Yatsenyuk (1974): Eaconamaiche agus neach-poileataigs.
- Mila Kunis (1983): Cleasaiche.