Arseniy Yatsenyuk
'S e neach-lagha, bancair, eaconamaiche agus neach-poileataigs às An Ucràin a th' ann an Arseniy Petrovych Yatsenyuk (Ucràinis: Олексій Михайлович Павленко, IPA: ɐrˈsɛn⁽ʲ⁾ij peˈtrɔwɪtʃ jɐtseˈnʲuk, Chernivtsi, 22 an Cèitean 1974).[1] S' ann do theaghlach bhùirdeasach le freumhan an dà chuid san Ucràin fhèin agus an Romàinia a bhuinneas e: tha athair na ollamh agus tha a mhàthair na neach-teagaisg Fraingis. Thug e ceum ann an lagh on oilthigh an Chernivtsi ann an 1996 agus on Oilthigh Nàiseanta Malairt agus Eaconomachd an Kyiv ann an 2001. Chuir e seachad bliadhnaichean ag obair ann am banca mus deach e dhan phàrlamaid ann an 2001. Bha Yatsenyuk na mhinistear an Eaconomaidh ann an Criom eadar 2001 agus 2003, na mhinistear an Eaconomaidh nàiseanta bho 2005 gu ruige 2006 agus na mhinistear nan dùthchanan Cèin ann an 2007. Mu dheireadh thall, bha e na phrìomh-mhinistear bho 2014 gu ruige 2016.[2]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ В. Головко. Яценюк Арсеній Петрович, Політична енциклопедія. Редкол.: Ю. Левенець (голова), Ю. Шаповал (заст. голови) та ін., Парламентське видавництво, 2011, 801 ISBN 978-966-611-818-2
- ↑ Шаповал Ю. Яценюк Арсеній [Архівовано 13 березня 2016, Енциклопедія історії України : у 10 т., редкол.: В. А. Смолій (голова) та ін., Інститут історії України НАН України, Наукова думка, 2013, — Т. 10 : Т — Я. — С. 768. — 784 с. : іл, ISBN 978-966-00-1359-9