Buzău

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Buzău
ROU BZ Buzau CoA.png
Gearradh-arm
no Seula
RO BZ Palat Comunal frontal straight cloudy.jpg
Buzau jud Buzau.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Romania.svg Romàinia
Ceàrn Actual Buzău county CoA.png Buzău
Co-chomharran 45° 09 06' Tuath
26° 49 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 81.3 km²
Àireamh-shluaigh 115,494 (2011)
Dlùths 1,420.59/km²
Àireamh fòn +40 02 38
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Slobozia agus Focșani, air an àirde an ear-dheas Romàinia a th' ann am Buzău (IPA: ˈbuˈzəw, seann ainm: Buzeu). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Buzău, aig 105m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Buzău. Tha 115,494 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às an ainm pearsanta Buzes ann an Thraci agus an t-iar-leasachan Greugais -άιος 's a th'ann an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1431, leis gu robh margaidh ga cumail ann.[2] Thathar dhen bheachd gur e an Abhainn Μουσαίος mun bhruidhinneadh Ioannis Soranus ann an litir dhan easbaig Caesarea Mazaca mu 400 's a th'ann an Abhainn Buzău. Cha b' e ach cogadh agus còmhstri a thug an 16mh Linn agus an 17mh Linn gu Buzău.[3] Rinn na Otomanaich droch sgrios agus milleadh air Buzău - agus Brăila is Bucharest - ann an 1597, agus loisg iad a h-uile càil. Rinn feachdan na Pòlainne an aon rud ann an 1616. B' e turas nan Tatarach ann an 1623, agus thràillich iad mòran san sgìre. Rinneadh an aon rud ann an 1659, 1679, 1739, 1787, 1806 agus 1807. Thuit Buzău gu feachdan na Gearmailt ann an 1914 agus dh'fhuirich iad gu ruige deireadh A' Chogaidh Mhòir ann an 1918. Theich muinntir a' bhaile thall thairis nam fògarraich. Thuit Buzău gu feachdan Aonaidh Sobhiataich anns An Lùnasdal.1944.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Institutul Național de Statistică
  2. Petcu, Gheorghe; Constantin Stan; Doina Ciobanu, Constanța Tănase agus Doina Filoti, Municipiul Buzău: Monografie, Editura Alpha, Buzău, 2002, ISBN 973-8054-59-1.
  3. Constantinescu, Eugen-Marius (2000), Buzău. Mică enciclopedie istorică, Muzeul Județean de Istorie Buzău, ISBN 973-8054-33-8.