Slobozia
| Slobozia Freistadt
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Co-chomharran | 44° 33 54' Tuath 27° 21 49' Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 132.87 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 45,891 (2011) | ||||
| Dlùths | 345.38/km² | ||||
| Àireamh fòn | +40 02 43 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
'S e baile meadhannach eadar Călărași agus Buzău, air an àirde an ear-dheas Romàinia a th' ann an Slobozia (IPA: ˈsloboˈzja, seann ainm: Vaideei, Gearmailtis: Freistadt). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Ialomița, aig 20m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Ialomița. Tha 45,891 duine a' fuireach ann.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann às an fhacal Слобод (Gàidhlig: saor) ann am Bulgàiris 's a tha an t-ainm leis gu robh am baile saor bho chìsean. B' e seo an dòigh anns an do bhronsaicheadh imrich a-steach dhan sgìre seo, faisg air na crìochan le Impireachd nan Otomanach agus a h-uile cunnarach a bha an lùib sin. Ann an Romàinis chanadh slobozie ri baile ùr saor bho chìsean. Chaidh Slobozia a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1594 mar Slobozia de Vaideei. Bhuinneadh e do Țara Românească bho thùs gu ruige 1859.[2] Thug pleanaichean-cogaidh na Gearmailt ionnsaigh air Slobozia anns A' Chogadh Mhòr. B' ann air 30 an Lùnasdal 1944 a thuit am baile gu feachdan Romàinianach, aig deireadh An Dàrna Cogaidh. Chaill 15 Romàinianaich agus 89 Gearmailtich am beatha. Bha làmh an uachdair aig na Romàinianaich o chionns gu robh stèisean beairt-ghunna aca shuas sa mhainistir.[3] Air 22 an Dùbhlachd 1989, agus Nicolae Ceaușescu a' teiche, nochd neach-teagaisg air an robh Oliviu Vlădulescu air beulaibh oifisean a' Phàirtidh Chomunnaich agus dh'èigh e: Ieșiți afară, comuniștilor! Plecați! A căzut Ceaușescu al vostru, plecați! (Gàidhlig: a-mach à seo, a chomunnaich! falbh! Tha ur Ceaușescu air thuiteam! falbh!). Thàinig na daoine dhan t-sràid agus, fad ceithir latha, chaill seachdnar am beatha san aimhreit, dithis ball na Securitate nam measg.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Astairean gu Bailtean eile
[deasaich | deasaich an tùs]| Baile | Astair |
|---|---|
| Alba Iulia | 475 km |
| Alexandria | 208 km |
| Arad | 658 km |
| Bacău | 272 km |
| Baia Mare | 630 km |
| Botoșani | 428 km |
| Brașov | 242 km |
| Brăila | 90 km |
| Bucharest | 128 km |
| Buzău | 92 km |
| Călărași | 42 km |
| Cluj-Napoca | 507 km |
| Constanța | 142 km |
| Craiova | 347 km |
| Deva | 484 km |
| Focșani | 166 km |
| Galați | 120 km |
| Giurgiu | 195 km |
| Iași | 368 km |
| Miercurea Ciuc | 309 km |
| Oradea | 655 km |
| Piatra Neamț | 331 km |
| Pitești | 247 km |
| Ploiești | 152 km |
| Reșița | 607 km |
| Râmnicu Vâlcea | 317 km |
| Satu Mare | 677 km |
| Sfântu Gheorghe | 243 km |
| Sibiu | 385 km |
| Slatina | 321 km |
| Suceava | 418 km |
| Timișoara | 635 km |
| Târgoviște | 204 km |
| Târgu Jiu | 427 km |
| Târgu Mureș | 410 km |
| Tulcea | 268 km |
| Vaslui | 296 km |
| Zalău | 585 km |
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Institutul Național de Statistică
- ↑ Ștefan Grigorescu, Slobozia culturală, Editura Star Tipp, Slobozia, 2006.
- ↑ Pentru eliberarea Patriei, Editura Militară, 1972.
- ↑ Dennis Deletant, Ceaușescu and the Securitate: Coercion and Dissent in Romania, 1965–1989, M.E. Sharpe, Lunnainn, 1995, ISBN 1-56324-633-3.