Am Faochagach

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Am Faochagach
The upper slopes of Am Faochagach - geograph.org.uk - 1254566.jpg
Faisg air mullach An Fhaochagaich
Àirde (m) 953
Àirde (tr) 3,126
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Am Faochagach is located in Alba
Am Faochagach
Am Faochagach (Alba)
Suidheachadh Strathvaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH30367938

'S e beinn ann an Strathvaich air a' Ghàidhealtachd a th' anns An Fhaochagach. Tha e 927m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte san tuath air Loch a' Ghlais-Chàrnaich.

Dh'fhaodadh gu bheil an t-ainm a' ciallachadh àite làn fhaochagan, ach tha seann litreachadh na beinne, Am Fraochagach, a' sealltainn gum faodadh gu bheil e a' ciallachadh àite làn fraoich[1].

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann iar-thuath Loch a' Ghlais-Chàrnaich. Tha trì mullaich aige, agus 's e am fear as fhaide tuath am fear as àirde.[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Frìth Fanaich agus Beinn Uais.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Council. d. 172
  2. Am Faochagach air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: