A' Chrìon-Làraich
A' Chrìon-Làraich | |
Eaglais anns a' Chrìon Làraich | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Shruighlea |
Siorrachd | Siorrachd Pheairt |
Co-chomharran | 56° 23′ 39″ Tuath 4° 37′ 0″ Iar |
Comharradh-clèithe | NN385255 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha anns a' Chrìon-Làraich (Beurla: Crianlarich).[1] Chun na bliadhna 1975 bha a' Chrìon Làraich na phàirt den t-Siorrachd Pheairt.
Tha am baile suidhichte mu sia mìltean air àird an ear-thuath Loch Laomainn ann an gleann na Sraithibh. Tha Loch Dochard, Beinn Mhòr, Stob Binnein is Cruach Ardrain faisg air.
Anns a' bhliadhna 2001 bha 185 duine a' fuireach an seo.
Tha ceangail rathaid cudromach sa bhaile. Seo far a bheil ceangail eadar taobh siar na Gàidhealtachd le Peairt agus tha an A82 (Glaschu-Inbhir Nis) a' tachairt ris an A35 gu Peairt. Tha stèisean-rèile aige, an Stèisean na Crìon-Làraich.
Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair eadar Glaschu agus A' Ghearasdan, a' dol seachad air a' bhaile, agus 's e àite cudromach a th' ann do luchd-coiseachd gus an oidhche a chosg an sin, oir tha ostail-oigridh agus àiteachan-fuirich eile ann.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Crianlarich - A' Chrìon-Làraich”. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.