Loch Dochard
Co-chomharran: 56°23′52″N 4°35′05″W / 56.397751°N 4.584805°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Dochard. Tha e suidhichte aig cois a' Bheinn Mhòr (Ben More) anns an t-Siorrachd Pheairt is Cheann Rois. Tha an rathad A84 eadar a' Chrìon Làraich agus Ard Choille a' dol seachad air bruach an locha.
Tha an loch mu 2/3 mìle (1 km) a dh'fhad agus tha an leud aige mu 281 slat (257 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 176 slat (161 m) a leud. Tha Loch Dochard cho mòr ri 46 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri nas motha na 39 mhìle ceàrnagach (101 km²). 'S e 5 troigh (1.5 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 11 troigh (3.3 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha bàrr uisge an locha mu 513 troigh (156 meatair) os cionn na mara.
Thèid an loch a lìonadh bhon iar le Abhainn Fillan agus sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Dochard chun an ear-thuath gu Loch Iubhair.
Tha cuid eileanan ann an Loch Dochard. Tha eilean beag ann am meadhan an locha a tha mu 18 troigh a dh'àird far a bheil làimhrig airson bàtaichean aig ceann an ear an eilein. Tha tobhtaichean seann chaisteal ann a chaidh a thogail eadar 1583 agus 1631 le Sir Duncan Campbell. Chaidh a losgadh ann an 1648. [2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 74-75, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ "Loch Dochart Castle". http://canmore.rcahms.gov.uk/. Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba. 29.06.1962. Retrieved 3.09.2014.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
and|date=
(help); Cite has empty unknown parameter:|1=
(help); External link in
(help)|website=
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910)
- Gazetteer for Scotland