Cill Fhinn

O Uicipeid
Cill Fhinn, sealladh bhon A 827
Easan Dhochairt
Finlarig Castle faisg air Cill Fhinn

'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha ann an Cill Fhinn (Beurla: Killin). Tha e suidhichte aig ceann an iar Loch Tatha aig inbhir nan aibhnichean Dochairt is Lochay. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 27′ 57.6″ Tuath agus 4° 19′ 4.8″ Iar.

Anns a' bhliadhna 2004 bha 640 duine a' fuireach an seo.[1]

Aig ceann iar a' bhaile tha eas ann ris an canar Easan Dhochairt.

Mu cilemeatair air àird a thuath a' bhaile tha na tobhtaichean de sheann chaisteal ann, Caisteal Fhionnlairig, a chaidh a thogail ann an 1629.

A-rèir Iain Mhic an Tàilleir tha Cill Fhinn a' ciallachadh "eaglais gheall". B' àbhaist dha fèill a bhith ann an ris an do chanadh "Féill Faolain". [2]

Ceangail Ghàidhealach[deasaich | deasaich an tùs]

Càrn-cuimhne gu ministear Gàidhealach ann an Cill Fhinn

'S e sgìre gu math Gàidhealach a bh' ann o shean agus le sin tha ceangail maireannach ann gus an latha an-diugh. Mar am faod sinn a leughadh air a' chàrn-cuimhne a thog An Comunn Gàidhealach dhasan anns a' bhaile fhèin, bha ministear ainmeil ann is e Seumas Stiùbhard an t-ainm a bh' air. Dh'eadar-theangaich e an Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig. Bha e air a phòsadh leis a' choithional rè 52 bliadhna, gus a chaochail e ann an 1789.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mid-2004 Population Estimates for Settlements in Scotland
  2. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 71, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]