Calasraid
Coltas
Calasraid
| Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
|---|---|
| Prìomh-bhaile de | Callander parish |
| Sgìre riaghaltais ionadail | Sruighlea |
| Roinn-tìde | UTC±00:00 |
| Anns a’ sgìre-ghléidhteachais | Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean |
| Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Pheairt |
| Domhan-leud is -fhad | 56°14′38″N 4°12′52″W |
| Crìoch còmhla ri | Sruighlea |
| Làrach-lìn | http://www.incallander.co.uk/ |
| Comharran-cléithe SO | NN628079 |


'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha ann an Calasraid (Beurla: Callander) [1][2]. Tha am baile suidhichte air bruach an Abhainn Tèadh mu 29 km (18 mìle) air àird an iar-thuath de Shruighlea. 'S iad seo na co-chomharran aige: 56° 14′ 38.51″ Tuath agus 4° 12′ 52.06″ Iar. Anns a' bhliadhna 2006 bha 3130 duine a' fuireach ann.[3] Bho Chalasraid bidh mòran luchd-turais a' siubhail gu Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean. Tha Ionad fiosrachadh luchd-turais anns an seann eaglais "Naomh Kessog", ris an canar Ionad Rob Ruadh an–diugh. Anns an t-Iuchar 2009 bha na Callander World Highland Games ann. [4]
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Michael Newton: Bho Chluaidh Gu Calasraid, Acair Ltd, 1999. ISBN 978-0861522651.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN6278607918
- Calasraid aig Gazetteer for Scotland