Jump to content

Kinshasa

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 20:35, 26 dhen Fhaoilleach 2024 le 82.47.192.138 (deasbaireachd)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Ville de Kinshasa
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Poblachd Dheamocrach na Congo
Ceàrn Kinshasa
Co-chomharran 4° 16' Deas
15° 17' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9,965 km²
Àireamh-shluaigh 7,017,000 (2004)
Dlùths 704.16/km²
Duilleag oifigeil www.kinshasa.cd

'S e prìomh-bhaile Poblachd Dheamocrach na Congo a tha ann an Kinshasa[1] (seann àinm Léopoldville). Anns a’ bhliadhna 2004 bha barrachd na 7 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte taobh a deas air bruach an Abhainn Congo, mu choinneamh Brazzaville, prìomh-bhaile Poblachd na Congo a tha suidichte air taobh tuath na h-aibhne. Tha Kinshasa 1,558km air falbh bho Bhujumbura (Burundi), 1,978km bho Khampala (Uganda), 8km bho Brazzaville (A' Chongo), 1,033km bho Bangui (Poblachd Meadhan Afraga), 2,078km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,879km bho Lusaka (Saimbia), 2,268km bho Dhodoma (Tansainìa) agus 751km bho Luanda (Angola).[2] Tha e suidhichte air àirde an iar na dùthcha, aig 212m os cionn ìre na mara.[3]

Chaidh am baile a stèideachadh mar àite–malairt le Henry Morton Stanley anns a’ bhliadhna 1881. Chuireadh Léopoldville mar ainm air a’ bhaile airson urram a thoirt air an rìgh Léopold II às a' Bheilg. 'S e an treasamh baile as motha ann an Afraga, an dèidh Lagos agus Cairo. Agus 's e cuideachd an dàrna baile as motha air an t-saoghal (an dèidh Paris fhèin) far a bhios Fraingis ga bruidhinn. 'S e teas meadhan oideachail a tha ann an Kinshasa. Tha ceithir oilthighean ann:

  • University of Kinshasa
  • Congo Protestant University
  • National Pedagogy University
  • Allhadeff School

Tha dà phort-adhair aig Kinshasa:

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: