Jump to content

Libreville

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 03:51, 3 dhen Dàmhair 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Libreville
Suidheachadh
Dùthaich Gabon
Sgìre Estuaire
Co-chomharran 00° 23 24' Tuath
09° 27 15' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 578,156 (2005)

'S e prìomh-bhaile Ghabon a tha ann an Libreville. Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Ghabon, tha port aig a’ bhaile. 'S e seo an co-chomharran aige: O° 23’ 24” Tuath agus 9° 27’ Ear. Tha Libreville 381km air falbh bho Mhalabo (Gini Mheadhan-Chriosach), 450km bho Yaoundé (Camarun), agus 829km bho Brazzaville (A' Chongo).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig ìre na mara.[2]

Anns a' bhliadhna 1960 bha dìreach 31,000 duine a' fuireach an seo. Ach an dèidh neo-eisimeileachd Ghabon, dh’ fhàs am baile nas motha gu math luath, gus mu dheireadh thall bha 578,156 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin 2005. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh mar àite malairt agus dùn (fort d'Aumale) anns a' bhliadhna 1843. B’e sin an t-àite far an robh na traillean a’ feitheamh airson a bhith a ‘toirt thall thairis gu Aimearaga. Ach anns a’ bhliadhna 1848, nuair a fhuair cuid de na traillean saorsa,thòisich iad a' fuireach an seo. Mar sin dh’atharraich ainm a' bhaile gu Libreville (Fraingis: “baile saor”)

'S e seo na roinnean as cudtromaiche den bhaile (bho tuath gu deas)

  • Batterie IV, roinn fuireach
  • Quartier Louis, ainmeil airson Nightlife activity
  • Mont-Bouët, teas meadhan malairteach
  • Nombakélé, teas meadhan malairteach
  • Glass, a chiad àite fuireach eòrpach ann an Gabon
  • Oloumi, teas meadhan gnìomhachail
  • Lalala, àite fuireach
  • Owendo, deas air a’ bhaile. Tha am port-adhair agus an stèisean Trans-Gabon Railway an seo.

'S e Libreville International Airport am port-adhair as motha ann an Gabon, tha e suidhichte mu 11 cilemeatair san taobh tuath a’ bhaile.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay