B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach air an àirde an iar-dheas na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1918 a bh’ anns an Àrd-diùcachd Bhaden (Gearmailtis: GroßHerzogtum Baden).[1] Chaidh Àrd Dhiùcachd Bhaden a chruthachadh nuair a chaidh Iarlachd-crìche Bhaden àrdachadh gu Àrd Dhiùcachd agus a leudachadh a thaobh talmhainn[2] ri linn atharrachadh mòr a rinn Napoleon Bonaparte air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Karlsruhe a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Baden agus leig an t-àrd-diùc Friedrich II dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]
- 1806 – 1811: Karl Friedrich
- 1811 – 1818: Karl
- 1818 – 1830: Louis I.
- 1830 – 1852: Leopold
- 1852 – 1858: Louis II.
- 1858 – 1907: Friedrich I.
- 1907 – 1918: Friedrich II.
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Napoleon
- ↑ New Advent
- ↑ Lucha de Clases