Ar-a-mach na Gearmailt

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Ar-a-mach na Gearmailt
(Novemberrevolution)
Bundesarchiv Bild 183-B0527-0001-810, Berlin, Brandenburger Tor, Novemberrevolution.jpg
Ceann-latha 29 an Dàmhair 191811 an Lùnasdal 1919
Àite A' Ghearmailt
Buil
Atharrachaidean Cur às dhan Mhonarcachd
Buaidh Phoblachd Weimar
Luchd-dùbhlain
Socialist red flag.svg Pàrtaidh Comunnach na Gearmailt
Lìog nan Spartacach
Flag of the German Empire.svg Ìmpireachd na Gearmailt
Kaiserstandarte.svg Deutsches Heer
Flag of Germany (3-2 aspect ratio).svg Poblachd Weimar
War Ensign of Germany (1921-1933).svg Reichswehr
Freikorps
Stahlhelm
Cinn-fheachda
Socialist red flag.svg Rosa Luxemburg
Socialist red flag.svg Karl Liebknecht
Socialist red flag.svg Kurt Reisner
Socialist red flag.svg Karl Radek
Socialist red flag.svg Paul Levi
Flag of the German Empire.svg Wilhelm III
Flag of the German Empire.svg Ludwig II
Flag of the German Empire.svg Erich Ludendorf
Flag of Germany (3-2 aspect ratio).svg Gustav Noske
Flag of Germany (3-2 aspect ratio).svg Friedrich Ebert

B' e sreath thachartasan phoileataigich air feadh na dùthcha aig deireadh a' Chogaidh Mhòir ann an 1918 a mhair gu ruige Am Màrt 1919 a chuir crìoch air Monarachd anns A' Ghearmailt agus a chuir poblachd le Bun-reachd deamocratach na h-àite a bh' ann Ar-a-mach na Gearmailt (Gearmailtis: Novemberrevolution).[1]

Bha freumhan an ar-a-maich ann an suidheachadh poileataigeach agus sòisealta na Gearmailt ron a' Chogadh:[2] air an darna thaobh bha cruaidh fheum air deamocrasaidh am broinn Bun-reachd Ìmpireachd na Gearmailt agus air an taobh eile chan fhaodadh do cheannardan na dùthcha a ghabhail ri atharraidhean a bheireadh piseach air an t-suidheachadh sin. Thoisich an t-Ar-a-mach nuair a dhiùlt maraichean a ghabhail ri ordughan a' Chabhalaich airson batal cruaidh a leantainn an aghaidh Luingeas Bhreatainn: Sgaoil an t-ar-a-mach gu math luath air feadh na dùthcha, bho phuirt mar Wilhelmshaven agus Kiel,[3] agus an ceann greis chaidh Poblachd a ghairm air 9 an t-Samhain 1918, an dèidh dhan Cheusair a dreuchd a leigeil dheth. Chaochail e thall thairis. Dh' aonaich buidhean 120 luchd-ealaine, air an robh Novembergruppe (Gàidhlig: Buidhean na Samhna), leis an ar-a-mach cuideachd, a' toirt cuideam agus pròis dha.[4]

Anns an Fhaoilleach 1919, b' fheudar dhan phoblachd ùr seasamh an aghaigh nan Spartacach,[5] a bha airson rèigim Comunnach a chur air dòigh, coltach ris an Riaghaltas ùr thall san Ruis, a chaidh a stèidheachadh ann an 1917. An uair sin, cho-dhùin ceannardan a' Phàirtidh Shòisealta Dheamocrataich (SPD), a bha air a bhith a' stiùireadh an ar-a-maich bho toiseach an latha ann an 1918, gun cuireadh iad ruaig air na Spartacaich, a' tachadh an ar-a-maich. An àite cumhachd a thoirt bho na h-uachdarain, thoisich an SPD ri còradaidhean a rèiteachadh: le sin, dh' aonaich iad ri oifigearean an Airm agus chuir iad feachdan neo-fhoirmeil an sàs air an robh Freikorps[6] (Gàidhlig: Feachdan Saora), làn dhaoine na làimhe deise.[7]

Thàinig an t-Ar-a-mach gu crìoch nuair a ghabh an dùthaich ri Bun-reachd na Poblachd Weimar air 11 an Lùnasdal 1919 ann an Weimar.[8]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Geschichte Abitur
  2. Novemberrevolution
  3. Kiel
  4. Ketterer Kunst
  5. Geschichte Abitur
  6. DHM
  7. Novemberrevolution
  8. Geschichte Abitur