Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn
| Rìgh Seumas VI Alba |
|
| (cuideachd na Rìgh Seumas I Shasainn) | |
| Rìoghaich e: | Alba: 24 am Iuchair 1567 – 27 am Màrt 1625 |
| A' leantainn: | Màiri I (a mhàthair) |
| Sliochd | Henry Frederick, am Prionnsa Cuimreach Ealasaid Teàrlach Raibeart |
| Oighre | Teàrlach I (a mhac) |
| Cèile-pòsda | Anna dhen Danmhairg |
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich |
| Athair | am Morair Darnley |
| Màthair | Màiri I, Ban-rìgh Alba |
| Rugadh e: | 19 an t-Ògmhios 1566
Caisteal Dhùn Èideann, Alba |
| Eug: | 27 am Màrt 1649 (aois 58) Taigh Theobalds, Lunnainn |
| Tiodhlacadh: | Abaid Mhanachainn an-iar |
B' e Rìgh na h-Alba bho 24 an Iuchar 1567 gu 27 Mairt 1625 agus Rìgh Sasainn bho 24 am Màrt 1603 a bha ann an Seumas VI Alba agus I Shasainn. Rugadh e: 19 an t-Ògmhios 1566, Caisteal Dhùn Èideann, Alba, a' chiad-gin mic dha mhàthair, a' Bhan-rìgh Màiri
Fhuair e seilbh air crùn Alba, mas fhìor, is gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a rinneadh cùl-mhutaireachd le cuid de dh'àrd-uaislean Alba agus chaidh a mhàthair a chuir an greim leotha (aig a cheann thall, chaidh a toirt seachad dha na Sasannaich).
Na òige, bha làn chumhachd aig iomadach tanaistear a ghabh stiùir na dùthcha. Ach aig aois 17, chuir Seumas roimhe gun rìoghaicheadh e fhèin, agus fhuair e cuidhteas na tanaistearan.
Ann am beachd cuid, b' e an rìgh mu dheireadh ann an Alba a bha fileanta sa Ghàidhlig, agus chuir e greis seachad a' tadhal anns na h-Eileanan an-iar, is e a' feuchainn ri fineachan Gàidhealach nan Eilean, a rinn ar-a-mach gu tric, a cheannsachadh.
B'e Seumas VI a' chiad rìgh a-riamh a shuidh air rìgh-chathair Alba agus Sasainn còmhla; shealbhaich e crùn Shasainn ann an 1603 nuair a chaochail a' bhan-rìgh Ealasaid I, co-ogha a mhàthar, gun sliochd. 'S e Aonadh nan Crùintean a chanar ri seo. Nuair a shealbhaich e an coron Sasannach, dh'fhàg e Alba is cha do thill. Bha e cuideachd na Rìgh Èireann.
Fhuair Seumas oideachadh math na òige, agus bha e fhèin na sgoilear ainmichte. Fo làimh-riaghaidh, lean na "làithean geal" dhen litreachas Beurla, comharraichte le ùghdaran mar William Shakespeare, John Donne is Francis Bacon. Chaidh am frith-ainm "an t-amadan as glice a th' anns a' Chrìosdaidheachd" a bhuileachadh air.
Fo riaghladh, chaidh a' chiad thuinneachadh Sasannach ann an Ameireaga a Tuath a stèidheachadh - "Baile Sheumais" no Jamestown (1607).
Nuair a shiùbhail e, shealbhaich a mhac a bu shine a mhair beò, Teàrlach, oir bha a chiad-ghin mic, am Prionnsa Eanraig, air caochladh gun e ach aois ochd-deug.
Aistean co-cheangailte [deasaich]