Teàrlach I
As a'Wikipedia
| Teàrlach I |
|
| Rìgh Shasainn, Alba is Èireann | |
| Rìoghaich e: | 27 am Màrt 1625 – 30 am Faoillteach 1649 |
| A' leantainn: | Seumas VI Alba is I Shasainn |
| Sliochd | Teàrlach Màiri Seumas Eanraig ... |
| Oighre | Teàrlach II (nach do shealbhaich ach de jure gu 1660) |
| Cèile-pòsda | Henrietta Maria dhen Fhraing |
| Urraim: | |
| "A Mhòrachd, an Rìgh" Prionnsa na Cuimri Diùc York Diùc Albany |
|
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich |
| Athair | Seumas VI is I |
| Màthair | Anna dhen Danmhairc |
| Rugadh e: | 19 an Samhainn 1600
Dùn Phàrlain, Alba |
| Eug: | 30 am Faoillteach 1649 (aois 48) Chaidh a chur gu bàs aig Luchairt Whitehall, Lunnainn |
| Tiodhlacadh: | Caisteal Windsor |
Ged a rugadh e ann an Alba, chaidh Teàrlach Stiùbhart a thoirt gu deas na naoidhean ann an 1603, nuair a shealbhaich athair, Seumas VI Alba, crùn Shasainn ann an Aonadh nan Crùintean.
Bha e na ghille beag lapach, agus cha robh mòran a' cur suim ann an coimeas ri a bhràthair a bu shine, am Prionnsa Eanraig - oighre Rìgh Sheumais. Ach nuair a chaochail am Prionnsa Eanraig is gun e ach òg (1612), fhuair Teàrlach e fhèin aig teas-meadhain a' ghnothaich mar oighre nan trì duthchannan - Sasainn, Alba is Èirinn.
Dh'fhàs e suas bhon uair sin a' làn-chreidsinn gun tugadh còraichean-riaghlaidh dha le Dia. Mar dhuine bha e caran fad às na dhòigh, agus gu pearsanta bhiodh e a-riamh a' taobhadh ris an eaglais pàpanach. Dh'fhàg siud mòran dhuilgheadasan na rathad, agus chaidh e fhèin agus a phàrlamaidean a-mach air a-chèile - Pàrlamaid Alba an toiseach, an uair sin Pàrlamaid Shasainn. Lean siud gu Cogaidhean nan trì Rìoghachdan, agus Cogadh Sìobhalta Shasainn far an robh a' bhuaidh aig Co-fhlaitheas Shasainn aig a' cheann thall. Chaidh Teàrlach a thoirt am bruid na phrìosanach, agus chaidh a chur gu bàs ann an 1647 fo òrdugh Oliver Cromwell às leth Co-fhlaitheas Shasainn.
